Santiago Pérez de Manosalbas

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Santiago Pérez de Manosalbas

Santiago Pérez.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Stàitean Aonaichte Choloimbia
Teirm 1 dhen Ghiblean 1874 gu 1 dhen Ghiblean 1876
Ro-Theachdaire Manuel Murillo Toro
Neach-Ionlaid Aquileo Parra Gómez
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 23mh an Cèitean 1830
Àite Bhreithe Zipaquirá (Cundinamarca)
Ceann-Là a Bhàis 5mh an Lùnasdal 1900
Àite a Bhàis Paris (An Fhraing)
Bean/Fear-Chèile Tadea Triana Silva
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan neach-teagaisg, fear-aithris, ùghdair

B’ e Santiago Pérez de Manosalbas, neo de Manosalbas ùghdair, tìdsear, fear-naidheachd agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] Rugadh e 23 an Cèitean 1830 ann an Zipaquirá, Cundinamarca (Coloimbia) agus a chaochail 5 an Lùnasdal 1900 ann am Paris (An Fhraing) Bha e na cheann-suidhe Coloimbia bho 1874 gu ruige 1876.[2][3] Fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais thoisich e na h-obraichean air rathaidean-iarainn ann an ceann an tuatha na dùthcha (Spàinntis: 'Ferrocarril del Norte) agus bhrosnaich e am foghlam. ‘Se Libearalach a bh’ann.

‘S e mac Felipe Pérez agus Rosa Manosalva a bh’ann, agus bha dithis bhràthair aige, Felipe Pérez agus Rafael Pérez.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an sgoil Colegio del Espíritu Santo, a steidhich agus ga stiùireadh leis a' charaid agus a neach-chomhairle aige Lorenzo María Lleras, far an tug e dotaireachd ann an Lagh.

‘S e fear-aithris agus deasaiche aig pàipearan-naidheachd a bh'ann, mar El Mensajero, La Defensa (far an robh e na dheasaiche ann an 1880), El Relator, a bharrachd air La América, ann an Eabhraig Nuadh, far an do rinn e dubh chàineadh air Oirceadal an Rothaich (Beurla: The Monroe Doctrine). Nuair a bha a 22 a dh’aois, ann an 1852, bha e na Rùnaire ann an Coimisean Taisgleadh na Dùthcha agus chaidh na sgrìobagan aige a chur sa chlò eadar 1853 agus 1854 anns a’ phàipear-naidheachd El Neogranadino.

Steidhich e sgoil, agus a bharrachd air sin stiùireadh e an Oilthigh air Astar Coloimbia ann an 1891 agus thug e os làimhe Reachdadaireachd an Oilthigh Nàiseanta Colombia, leis cho dìleas a bha a air brosnachadh an fhoghlaim.

Seo airthis air na sgilean teagaisg a bh’aige:

Bha e eòlach seadh air na cuspairean daonna seadh air na saidheansan fisigeach, moralta, laghail agus sòisealta, agus theagasgadh e gu seach àraidh eaconomaidh poiliteagach ann an dòigh cho math is cho soillleir, gun d’ fhuair deagh fhoghlaim gach fear is tè gus a bheireadh esan a chuid oideachaidh.(Eduardo Rodríguez Piñeres).

Phòs e Tadea Triana Silva agus fhuair iad ceirthrear duine-chloinne còmhla: Santiago, Paulina, Eduardo and Amelia. Phòs Amelia duine a ràinig ceannas na dùthcha, Clímaco Calderón. ’S e riochdaire dioplòmasach a bh’ann Eduardo agus ‘s e fear-poileataigs, ùghdair, fear-aithris agus riochdaire dioplòmasach a bh’ann Santiago.

Toiseach toisichidh anns a’ Phoileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e an sàs anns a’ Cho-chruinneachadh dhe Rionegro ann an 1863. ‘S e Rùnaire an Riaghaltais agus na Dùthchannan Cèin anns a’ chiad Riaghaltas aig Manuel Murillo Toro (18641866) a bh’ann, is an uair sin dh’fhàs e a bhith fear dhe na ciad luchd-taic Àirde nan Raidigeach (Spàinntis: olimpo radical). Chaidh e an aghaidh na Deachdaireachd aig Tomás Cipriano de Mosquera ann an 1867 agus ghabh e pàirt anns an iomairt airson ga chur às a' chathair. Bha e os cionn Ceannas na Stàitean Aonaichte Choloimbia an àite an t-Seanalair Santos Gutiérrez Prieto eadar 22 agus 30 an t-Ògmhios 1869. Bha e na thosgair ann an Washington bho 1868 gu ruige 1873.

Ceann-suidhe na dùthcha[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh e a thaghadh mar Cheann-suidhe na Stàitean Aonaichte Choloimbia ann an 1874 airson terim goirid dhe dà bhliadhna, nuair a bha e 44 bliadhna a dh’aois. "’S e am foghlam, a’ mhorlatachd agus am beairteas a tha aig cridhe na Poblachd" ars esan ann an òraid nuair a thug e an dreuchd os làimhe. ‘S e toiseachadh na h-obrach air loighne an Ferrocarril del Norte, àrdachadh nan cosnadh (gu –àraidh leis am piseach a fhuair an dùthaich taobh às-mhalairte), beagachadh na cùl-mhùtaireachd agus lùghachadh cosagaisean an Riaghaltais a th’ann na nithean na bu chodrmaiche a rinn e nuair a bha e os cionn an Riaghaltais.

An dèidh gun tug e an dreuchd seachad chun an Rùnaire an Ionmhais aige, Aquileo Parra Gómez, ann an 1876 lean Pérez air is esan fhathast a’ sabaid anns a’ phoileataigs. Cho-dhùin e an dùthaich fhàgail gu saor-thoileach eadar 1885 gu ruige 1891 air sgàth a chuid dhùbhlain an aghaidh Rafael Núñez. Chaidh e a thaghadh ceannard a’ Phàrtaidh nam Libearalach Liberal ann an 1892. Chuir an leas cheannard Miguel Antonio Caro às an dreuchd sin e ann an 1895.

Càineadh an Riaghaltais aige[deasaich | deasaich an tùs]

Thuirt Baldomero Sanín Cano mu dheidhinn na rudan nach do rinn e cho math nuair a bha e os cionn Riaghaltas na dùthcha:

Chaill e mòran dhe na deagh-mhèin a bh’aig an Riaghaltas aig an toiseach o chionns gu robh e cus do-lùbach moralta, is e rag leis na beachdairean poiliteagach agus leis cho trom a bha e, fiu’s mar thìdsear, taobh na daoine a bha nan oileanaich còmhra ris o shean, is iad a-nis an sàs ann am poileataigs na dùthcha. Gun teagamh, ged gur e fear tàlantach beusach a bh’ann, cha robh e idir cho sùbailte airson na daoine a stiùireadh ann an saoghal garbh a’ poileataigs.

Thug duine onorach, gu math cleachdte ri dreuchdan dhen sheòrsa an Riaghaltas os làimhe, ach cha robh e cho sgileil taobh phoileataigs, mar a chunnaic sinn iomadh turas. (Ignacio Arizmendi Posada)

Na Bliadhanachan mu dheireadh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail e na fhògarrach thall ann am Paris 5 an Lùnasdal 1900, nuair a bha e 70 bliadhana a dh’aois. Chaidh e a thiodhlachadh anns a’ Chladh aig Batignolles, ann am Paris fhèin, far an robh e gu ruige 1952, nuair a a chaidh na luaithrean aige a thoirt air ais chun na dùthcha aige is e a-nis ga thiodhachadh ann an Cladh Meadhanach ann am Bogotá.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO (Gàidhlig)
  2. Leabharlann Luis Angel Arango(Spàinntis)
  3. Oifis a' Chinn-suidhe

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)

Economía Política y Estadística de Santiago Pérez Manosalva (Spàinntis)