Foghlam

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Is e gniomh a tha ann an fhoghlam. An gniomh a tha ann an ionnsachadh le amas a thogail comas-inntinn. Air feadh an t-Saoghal is ann air parantan a tha am priomh dleasdanas a thoirt foghlam ris an cuid cloinn. Ann an iomadh cultur, cuirear clann ri sgoiltean airson foghlum fhormail ann an leughadh, sgriobhadh agus aireamhachd.

Ann an tirean bochda 's an treas domhain chan fhaigh h-uile paisde cothrom air a' bhun-fhoghlam a tha ann leughadh, sgriobhadh agus aireamhachd ach ann an tirean beartaich cuirear dleasdanas laghail air parantaibh a chuir an clann aca dhan sgoile. Ann an Alba (mar eisimplir de duthach a bhuineas don chiad domhain), is fheadar do clann eadar 5 agus 16 bliadhnaichean a dh'aois a bhi ann an fhoghlam lan t-side. Is ann leis an stait fhein a tha an cuid bu mhor ri na sgoiltean an Alba, tha iad maoinichte a-mach a cisean na duthcha agus chanar "sgoiltean pobalach" riu.

Tha da rang de sgoil anns an t-siostam Albannach an drasda, bun-sgoiltean a bhitheas ag foghlam clann air fad na 7 bliadhnaichean eadar 5 agus 12 bliadhna dh'aois agus Ard Sgoiltean a bhitheas ri foghlam clann eadar 12 agus 18 bliadhna dh'aois, ged a tha e ceadaichte do oigridh a chuir cul ri foghlum na sgoile aig 16. Leanaidh clann air feadh Alba siollabus coitcheann 5-14, bho coig bliadhna dh'aois gu ceithir deug, cuairt-fhoghlaim a leanas a-steachd dhan ard sgoil. Aig toiseach an treas bliadhna ard-sgoile feumaidh do na sgoilearan roghainn 8 cuspairean fa-leth, a bhitheas iadsan a' leantainn chun ire coitcheann. Feumaidh an roghainn pearsanta gabhaila-steachd Matamataig, Beurla, aon saidheans, aon cursa teicniuil agus canan eile. Suidhidh na sgoilearan deuchainn airson barantas naiseanta aig an ire coitcheann aig deireadh an 4mh bliadhna (aois 16). As deidh deuchainn an ire coitcheann, roghnaichear suas ri 5 cuspair airson cursa chun Ard Ire. Is e deuchainn matriculation airson inntrigeadh do cursaichean oil-thigh a tha 's an Ard ire. Suidhear an Ard-ire aig 17 bliadhna dh'aois agus b'e seo an aois aig am biodh oileanaich Albannach gu traideasanta ag inntrigeadh oilthigh. Anns an latha an diugh, is abhaist do sgoilearan a' fanntainn 's an Ard sgoil bliadhna eile, a ghabhail tuilleadh cursaichean Ard-ire neo lionadh a-mach an cuid fhoghlam le cuspairean nach do rinn iad aig ire coitcheann 's a' chiad dol a-mach, neo a' leanntainn cursa nas adhartach ris an chanar "Sar-ard ire". Tha teagamhan mu deidhinn luach an cursa seo mu dheireadh o chionns gu bheil a h-inbhe gu ire mhor comh-sguabachd leis a' chiad bliadhna de sgrudadh oilthigh.

Oilthighean is Colaistean[deasaich | deasaich an tùs]

Alba

Sasainn

Eadar-Naiseanta

Sgoiltean[deasaich | deasaich an tùs]

Pròiseactan[deasaich | deasaich an tùs]

Leabhraichean Teacsa[deasaich | deasaich an tùs]

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]