Miguel Antonio Caro Tovar

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Miguel Antonio Caro Tovar

Miguel Antonio Caro 1.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Coloimbia
Teirm 7mh an Lùnasdal 1892 gu 7mh an Lùnasdal 1898
Ro-Theachdaire Rafael Núñez
Neach-Ionlaid Manuel Antonio Sanclemente
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia, Pàrtaidh Nàiseanta Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 10mh an t-Sultain 1843
Àite Bhreithe Bogotá ( Cundinamarca)
Ceann-Là a Bhàis 5mh an Lùnasdal 1909
Àite a Bhàis Bogotá ( Cundinamarca)
Bean/Fear-Chèile
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan stàitire, daonnaire

B’ e Miguel Antonio José Zoilo Cayetano Andrés Avelino de las Mercedes Caro Tovar. [1][2] (Bogotá 10mh an t-Samhain 1843 – Bogotá 5mh an Lùnasdal de 1909) neach-aithris, ùghdar agus fear-poileataigs à Coloimbia[3].

‘S e an t-ùghdar José Eusebio Caro, fear steidhich Pàrtaigh Tòraidh Choloimbia a bh’ann athair, ach chaochail esan nuair a bha Miguel Antonio na bhalach òg. Le sin, cha b’ urrainn dhàsan a chuid fhoghlaim a choileanadh. Bha ùidh mhòr airsan air naidheachdas agus poilteataigs bhon a leanabachd agus bho 1871, nuair a thoisich e taic a thoirt dha na beachdan a bu radaigiche agus a bu chaitligiche a’ Phàrtaidh Tòraidh, b’ urrainn dha a bhith na líder de opinión tron a’ phàipear-naidheachd aige "El Tradicionista". A bharrachd air an obair aige mar neach-aithris poiliteagach, dh’ fhàs e a bhith fear dhe na cànainich a bu chliùitiche ann an Aimearaga Laideannach, is shaoil gu robh e aig an aon ìre na Andrés Bello agus Rufino José Cuervo.

An dèidh sin b’ e fear dhe na luchd-taic a bu chudromaiche aig Rafael Núñez agus pròiseact an Ath-bheòachaidh aige rè na 1880an; mar sin, b’ urrainn dha a bith fear dhe na aislingiche a bu mholtha a' Bhun-Reachd 1886, is e a’ stiùireadh sgrìobhadh na bile sin mar bhall Comhairle nan Riochdairean, a chaidh a steidheachadh airson sin a dheànamh.

Chaidh e a thaghadh na leas Ceann-suidhe na Poblachd ann an 1892, an ceann ri chèile ris a’ Cheann-suidhe Núñez, a fhuair an dreuchd aige a-rithist, ach cha b’ urrainn dhàsan a ghabhail air a’ chumhachd air sàilleabh draghan na slàinte, is le sin thug Caro a làmh air a’ cheannas; chaochail Núñez an ceann dà bhliadhna agus bha an ceannas aig Caro gu ruige deireadh an teirm dhe sia bhliadhna aige ann an 1898. Gu neònach, a dh’aindeoin gu robh fear dhe na teirmean a b’ fhaide ann an eachdraidh Choloimbia aige, cha do chleachd e an tiotal dhe Ceann-suidhe, ach Leas Ceann-suidhe an urras ri cumhachd a’ chinneas, leis cho measail ‘s a bha e air an t-seann cheannard aige. ann an 1898 lorg e a chur an ceannard a bha mu ochdad bhliadhna a dh’aois Manuel Antonio Sanclemente ann an Ceannas na Dùthcha, agus am bodach litreach José Manuel Marroquín ann am Leas Ceannas, is e a’ feuchainn ris a’ bhuaidh phoileataigeach aige a chumail beò, ach dh’fhàilnich am plan nuair a chuir Marroquín, le taic bho fheadhainn dhe na Tòraidh, às a’ chathair Sanclemente ann an 1900.

Bun-Reachd 1886[deasaich | edit source]

Bhathar airson Bun-Reachd ùr a chur air bhog ann an 1886 gus ath-bheothachadh a chruthachadh aig gach ìre a’ chomainn-shòisealta ann an Coloimbia. Bha na smuaintean aig Núñez uabhasach tarraingeach dhà, gu h-àraidh taobh rian ùir a chur air a’ chomann-shòisealta agus cothrom a thoirt dhan stàit an cumhachd a mheadhanachadh agus aig an aon àm an òrdugh a mheudachadh aig gach uile ìre a’ chomainn-shòisealta.

Bha beachdan làidir aig Caro taobh chreideimh, agus air sgàth sin chruthaich e Bun-Reachd, a bha ga steidheachadh air luachan na h-Eaglaise chaitligeach. Bha a’ bhun-smuain aige taobh dùthchais ga steidheachadh air a’ bheachd nach dh’ aontachadh na daoine gu math eadar-mheasgte à Coloimbia ri chèile ach an Spàinntis agus an Eaglais chaitligeach. Ann an 1887, chuir an Stàit ainm ri Concordait leis a’ Bhàtacan, far an d’ fhuair an Eaglais Caitligeach sochairean na bu mhotha na ann an dùthaich eile sam bith a rèitich cumhnant dhen sheòrsa, is Caro ris a chùlaibh. Bho 1887, bha foghlam creideamh caitligeach am fiachaibh anns na sgoiltean, cha b’ fheudar dhan Eaglais cìsean a phàigheadh agus cha robh a’ chlèir fo smachd an t-siostaim cheartais cumanta.

Cha robh buaidh mhaireannaich dhomhainn aig Miguel Antonio Caro air a’ bheatha nàiseanta Choloimbia poileataigeach a-mhàin, ach cultarail cuideachd. Tha e glè chruaidh breith dheimhinnte a dheànamh air an obair e leig e mar stàitire agus ùghdair. Le sin, feumaidh sinn ath-sgrùdadh a dheànamh air an obair aige.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Liosta cinn-suidhe na dùthcha
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Dùthchannan aig SMO


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: