Coloimbia Mhòr
Coloimbia Mhòr (Gran Colombia)
|
|||||
| Mapa | |||||
| Fiosrachadh | |||||
| Bliadhna Tòiseachaidh | 1819 | ||||
| Bliadhna mu Dheireadh | 1831 | ||||
| Prìomh-Bhaile | Bogotá | ||||
| Cànan Oifigeil | Spàinntis | ||||
'S e Coloimbia Mhòr (Spàinntis: La Gran Colombia) ainm eachdraidheil airson Stàit uabhasach mòr crìochnaichte a chaidh a chruthachadh ann an 1821 leis a' Cho-chruinneachadh Cúcuta. Chaidh an t-ainm Poblachd na Coloimbia (Spàinntis: República de Colombia) a thoirt air an dùthaich ùr. Thathar a' cleachdadh an t-ainm Coloimbia Mhòr ann an dòigh eachdraidheil airson sgaradh a dheànamh eadar Coloimbia o shean agus Coloimbia [1] an latha an-diugh.
Cha robh a' Phoblachd sin ann, gu laghail, ach eadar 1821 agus 1831, agus chaidh e a stèidheachadh air aonadh na seann roinnean Spàinnteach dhe Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire, Caipteineachd Choitcheann na Bheiniseala agus Ceannas Quito, a bharrachd air an Roinn Shaor Guayaquil. Bha tìrean am broinn na Stàite a tha a-nis ann an dùthchannan mar Choloimbia, A' Bheiniseala, Eacuador agus Panama a bharrachd air sgìrean beaga dhe Costa Rica, Pearu, Braisil, Guiana agus Niocaragua.
Chaidh Stàit ùr a mholadh aig a' Cho-chruinneachadh Angostura ann an (1819), [2] ach cha do deach sin a chur air bhog gu ruige a' Cho-Chruinneachaidh ann an Cúcuta, far an do deach Bun-Reachd a sgrìobhadh.[3]
Chaill Coloimbia Mhòr a-mach à chèile aig deireadh na 1820an agus toiseach na 1830an air sàilleibh eadar-dhealachaidhean do-rèiteachail mòra aig ìre poiliteagach taobh feadaraileachd agus meadhanachadh an Riaghaltais, a bharrachd air frionas roinneil eadar sluaighean eadar-dhealaichte am broinn na Poblachd.[4] 'S e Poblachd Ghranada Ùire a bha air an dùthaich na bu lugha ùr.