Yopal (baile)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Yopal
Flag of Yopal.svg Escudo de Yopal.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Casanare - Yopal.svg
Sealladh air a' bhaile
Avenida Nunchía.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Casanare.svg Casanare
Sgìre Llanos Orientales
Àirde 350m
Teodhachd 26˚
Co-chomharran 5° 21' 0' Tuath
72° 24' 5' 0' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,771 km²
Àireamh-shluaigh 106,882 (2005)
Dlùths 38.57/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Yopal

‘S e prìomh-bhaile na roinne Casanare, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Yopal neo El Yopal[2]. Tha e suidhichte aig 350m os cionn ìre na mara agus 349km air falbh bho Bhogotá[3] agus tha teodhachd meadhan dhe 26° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1915 anns an sgìre ris an canar Còmhnardan an Ear (Spàinntis: Llanos Orientales). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas agus gnìomhachas a’ chruidh. Tha àireamh-sluaigh dhe 106,882 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Yopal an 39mh baile as motha na dùthcha.[5]

Freumhan an Ainm[deasaich | edit source]

'S e ainm Tùsanach a th'ann Yopal. Tha an t-ainm a' ciallachadh Achadh an Yopo. 'S e lus a chuireas smùid ort a th'ann Yopo agus tha e ga chinntinn anns an sgìre.[6] Tha an t-iar-leasachan -al a' ciallachadh àite làn chraobh neo doire-choille,[7] m.e: El Rosal ann an Cundinamarca neo Chaparral ann an Tolima.

Sluagh a' bhaile[deasaich | edit source]

Ged a tha 106,882 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 16,240 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Yopal, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 1.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 91.7% dhe na daoine ann an Yopal leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 47.2% dhe na dachannan.[9]

Fèisean[deasaich | edit source]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Yopal. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

An t-sìde ann an Yopal

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Leabharlann Luis Angel Arango
  7. Spanish about.com
  8. Cololmbia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia