San José del Guaviare

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
San José del Guaviare
Flag of San José del Guaviare.svg Escudo de San José del Guaviare.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Mapa de San Jose del Guaviare.svg
Sealladh air a' bhaile
SAN JOSE DEL GUAVIARE 06.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Guaviare.svg Guaviare
Àirde 175m
Teodhachd 25˚
Co-chomharran 02º 34' 06' Tuath
72' 38' 30' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 42,327 km²
Àireamh-shluaigh 53,994 (2005)
Dlùths 1.28/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

' S e prìomh-bhaile na roinne Guaviare, Coloimbia,[1] a th'ann San José del Guaviare. Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheasa dùthcha faisge air na coilltean-uisge anns an Amazon. Tha àirde meadhanach dhe 175m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le cliomaid teth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 25˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1938.

Freumhan an Ainm[deasaich | edit source]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Seosaiph,[2] neo José ann an Spàinntis. Tha am baile suidhichte faisg air an drochaid Nowen air an abhainn Guaviare.

Sluagh a' bhaile[deasaich | edit source]

Ged a tha 53,994 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 19,131 a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an San José del Guaviare. ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1.7% agus tha 5.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 82.9% dhe na daoine ann an San José del Guaviare leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 21.3% dhe na dachannan.[5]

Fèisean[deasaich | edit source]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an San José del Guaviare. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Catholic Online
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Cololmbia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

An t-sìde ann an San José del Guaviare


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: