Corinto
Corinto
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| [[Image: |300px]] | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Àirde | 1050m | ||||
| Teodhachd | 24˚ | ||||
| Co-chomharran | 03º 10' 40' Tuath 76º 15″ 44 Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 302 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 28,310 (2005) | ||||
| Dlùths | 93.74/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Riaghaltas Chorinto | ||||
' S e baile beag ann an Cauca, Coloimbia,[1] a th'ann Corinto. Tha e suidhichte aig astar dhe 118km bho Phopayán (prìomh-bhaile na roinne) agus dhe 53km bho Chali, ann an sgìre ris an canar an Sliabh Meadhanach (Spàinntis: La Cordillera central) ann na na h-Andes. ‘S e baile le cliomaid teth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 24˚, rè na bliadhna, ged a tha teodhachd dhe 13˚ faisge air a’ bhaile. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1867.
Susbaint |
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Ged a tha 28,310 nan tàmh anns a' bhaile, tha a'mhòr-chuid, 16,157 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, 's e pàtran àireimh-sluaigh traidiseanta a th'ann.
Taobh chinnidh, ' s e daoine Afraganach agus Tùsanach a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Corinto (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 44.2% agus tha 27.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 83.1% dhe na daoine ann an Corinto leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 15.9% dhe na dachannan.[4]
Fèisean [deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Corinto. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil [deasaich]
José María Obando (1795 - 1861): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1831 agus 1832.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia