El Rosal
El Rosal
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| [[Image: |300px]] | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Sabana Occidente | ||||
| Àirde | 2685m | ||||
| Teodhachd | 13˚ | ||||
| Co-chomharran | 04° 51' 16' Tuath 74° 15' 39' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 86 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 13,502 (2005) | ||||
| Dlùths | 157/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Riaghaltas El Rosal | ||||
' S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th'ann El Rosal. Tha e suidhichte shuas anns na beanntann àirde na h-Andes aig astar dhe 20km bho Bhogotá. Tha teodhachd mheadhach dhe 13˚ aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1887.
Susbaint |
Freumhan an Ainm [deasaich]
'S e ainm Spàinntis a tha a' ciallachadh Achadh na Ròisean neo Lus na Ròisean a th'ann El Rosal.[3] Tha an t-iar-leasachan -al a' ciallachadh àite làn chraobh neo doire-choille,[4] m.e: Yopal ann an Casanare neo Chaparral ann an Tolima.
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Ged a tha 13,502 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 4,301 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an El Rosal (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann, ach tha 37.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 93% dhe na daoine ann an El Rosal leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 21.1% dhe na dachannan.[7]
Fèisean [deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an El Rosal. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil [deasaich]
Chaochail José María Obando an seo ann an 1861.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Mapa na Roinnean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Real Academia de la Lengua
- ↑ Spanish about.com
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia