Santa Rosa de Viterbo
Santa Rosa de Viterbo
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| [[Image: {{{DEALBH}}}|300px]] | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Àirde | 2753m | ||||
| Teodhachd | 13˚ | ||||
| Co-chomharran | 5° 53' Tuath 72° 59' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 107 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 13,249 (2005) | ||||
| Dlùths | 123.82/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a' Bhaile | ||||
'Se baile beag ann am Boyacá a th'ann Santa Rosa de Viterbo.
Susbaint |
Freumhan an Ainm [deasaich]
Fhuair am baile an t-ainm aige ann an 1690 nuair chaidh am parraiste a chuir air bhog, mar chuimhne air an Naomh Ròs[1] à Viterbo,[2] baile meadhanach ann am Lazio, An Eadailt. tha an t-ainm sin eadar-dhealaichte bhon a' mhòr-chuid dhe na h-ainmean-àitean ann am Boyacá, leis nach e ainm Tùsanach a th'ann.[3]
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Ged a tha 13,249 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 6,263 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Santa Rosa de Viterbo, agus tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 90.4% dhe na daoine ann an Santa Rosa de Viterbo leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 31.5% dhe na dachannan.[6]
Fèisean [deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santa Rosa de Viterbo. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil [deasaich]
Rafael Reyes: (1849 - 1921). Ceann-suidhe na dùthcha 1904 - 1910.
Clímaco Calderón: (1852 - 1913). Ceann-suidhe na dùthcha fad 24 uairean ann an 1882.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ American Catholic
- ↑ Città di Viterbo
- ↑ Fiosrachadh a' Chomhairle
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia