Ziortza-Bolibar
O Uicipeid
| Ziortza-Bolibar | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | |
| Sgìre | |
| Co-chomharran | 43° 14 42' Tuath 02° 33 21' Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 18.50 km² |
| Àireamh-shluaigh | 408 (2010) |
| Dlùths | 22.05/km² |
| Àireamh fòn | + 34 946 |
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e clachan beag ann an ceann a tuath na Spàinne a th’ ann Ziortza-Bolibar.[1] Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1051[2] agus tha an t-ainm a’ ciallachadh Srath na Muilne ann am Basgais, bho bolu (muileann) agus ibar (srath). Tha Ziortza-Bolibar suidhichte aig 162m os cionn ìre na mara. Tha Ziortza-Bolibar 336km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 45km bho Bhilbao, am baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach[3] Tha dìreach 408 daoine a’ fuireach ann an Ziortza-Bolibar,[4] Tha Spàinntis agus Basgais gam bruidhinn ann an Ziortza-Bolibar.
Daoine Ainmeil [deasaich]
- Simón Bolívar: a rugadh ann an Caracas ach a bha na sinnsearan aige a’ buntainn do Ziortza-Bolibar, is fhuair iad an sloinneadh aca bho ainm a’ bhaile.