Bilbao
Bilbao
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 43° 15' 25 Tuath 02° 55′ 25 Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 40.65 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 353,187 (2008) | ||||
| Dlùths | 8,688.49/km² | ||||
| Àireamh fòn | + 34 944 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
‘S e baile uabhasach mòr agus port gu math cudromach ann an ceann a tuath na Spàinne a th’ ann Bilbo neo Bilbao.[1] Thathar dhen bheachd gur ann às a’ Bhasgais Bil-Ibaia-Bao, a tha a’ ciallachadh Caladh na h-Aibhne, a th’ann an t-ainm,[2] ged a tha feadhainn eile a’ cumail a’ dol gur e dìreach ainm Spàinntis a th’ann, Bello Vado (Àite-coise Brèagha). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1300.[3] Tha Bilbao suidhichte eadar 19m agus 689m os cionn ìre na mara (33m ann am meadhan)[4] faisg air a' bhàgh Biscay, ri taobh inbhir na h-aibhnichean Nervión agus Ibaizabal.[5] Tha Bilbao 329km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 50km bho Vitoria-Gasteiz, prìomh-bhaile Dùthaich nam Basgach[6] Tha 353,187 daoine a’ fuireach ann am Bilbao,[7] am baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach,[8] agus an 10mh baile as motha na Spàinne. [9] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Bizkaia a th'ann cuideachd.
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
Pittsburgh, Na Stàitean Aonaichte
Sant Adrià de Besòs, Catalòinia
Tbilisi, Gruisia
Qingdao, Sìona
Bordeaux, An Fhraing
Medellín, Coloimbia
Iloilo, Na h-Eileanan Filipineach
Buenos Aires, An Argantain
Rosario, An Argantain
Surakarta, An Innd-Innse
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Euskaltzaindia
- ↑ Quiroga, Ramón; Marrodán, Miguel Ángel (2001). Bilbao: 700 años de historia. Abanto y Ciérvana. p. 115. ISBN 84-9314943-8
- ↑ Tusell Gómez, Javier (2004). Bilbao a través de su Historia. Bilbao. p. 212. ISBN 84-95163-91-8
- ↑ Mongabay
- ↑ IETB Bizkaia
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Eustat
- ↑ Bailtean na Cruinne