Vitoria-Gasteiz
O Uicipeid
Vitoria-Gasteiz
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 42° 51' Tuath 02° 41' Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 276.81 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 235,661 (2009) | ||||
| Dlùths | 851.35/km² | ||||
| Àireamh fòn | + 34 945 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
‘S e baile mòr ann an ceann a tuath na Spàinne a th’ ann Gasteiz neo Vitoria.[1] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1181. Thug an Rìgh Gotach Liuvigild Victoriacum air a’ bhaile ùr sin, a stèidhich e ann an àite air an robh Gasteiz o shean. Tha Vitoria-Gasteiz suidhichte aig 516m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-aibhne Zadorra.[3] Tha Gasteiz 291km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 50km bho Bhilbao, am baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach[4] Tha 235,661 daoine a’ fuireach ann an Gasteiz,[5] an darna baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach[6] agus an 20mh baile as motha na Spàinne. [7] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Araba agus Dùthaich nam Basgach a th’ann Vitoria-Gasteiz cuideachd.
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
Anaheim, Calafòrnia[8]
Victoria, Na Stàitean Aonaichte
Daira, Aildiria
Kutaisi, Gruisia
Cogo, Gini Mheadhan-Chriosach
Angoulême, An Fhraing[9]
Ibagué, Coloimbia
Vitoria, Braisil
Sullana, Pearu
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Euskaltzaindia
- ↑ Mongabay
- ↑ Eratzun Berdea
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Eustat
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ SisterCities
- ↑ Annuaire de France