Uisge

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Is docha tha thu lorg uisge-adhair

Water droplet blue bg05.jpg

Is e a tha ann an uisge na lionn trid-shoilleir gun dath. Tha e na cho-mheasgadh de hàidraidean is àile-beathaden cruth cheimidh H2O. Theid a reothadh aig 273K (0 °C) agus theid a ghoilleadh aig 373K (100 °C)fo bruthachd abhaisteach.

Chan eil cuideam moileaculachd de uisge ach 18 (H=1 agus O=16) agus tha puing a' ghoillidh anabarrach ard airson moileacul cho aotrom. Is e brigh don fheart seo de uisge gum bithidh co-taruinn lag eadar moileaculan uisge fa-leth gan cruinneachadh nan sianaran. An luib sin bithidh cuideam moileaculachd eifigeachd de uisge nas fhaisg air 108 agus tha teasad goillidh de 373K na cho-dhearbhadh. Nuair a ghoilleas uisge, theid sgaradh air na moileaculan fa-leth agus tha seo aig aobharachadh meudachadh mor an toirt an stoith an co-mheas le toirt an uisge, (Theid meudachadh an toirt de mu deidhinn 1400 uraid nuair a rachas iompachadh de uisge ri stoth fo bruthachd abhaisteach). Is e am feart meudachaidh seo a tha na h-aobhar gu bheil stoth na struthach-iomain eifigeachd airson gne de innealan-teis.

Chanar deagh ris an staid reoithte, agus stoth ris an staid ailleachd.

Nuair nach eil salainn ann, tha cuid de dhualchainntean a' toirt “bùrn” air.

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile