Sneachd

O Uicipeid
Sneachd

Is e cruth uisge reòite a tha ann an sneachd. Bithidh sneachd uaireannan a' frasadh bho na neòil nuair a bhitheas an teothachd beagan fo ìre reòthaidh. Is meanbh eagar de sneachd criostalan sgapta, ioma fillte, mar as tric an patran croise neo rionnaig. Chanar “bleideagan-sneachda” ri na criostalan seo. Tha bleideagan-sneachda, eu-coltach ri clachan-meallain, aotrom an coimeas leis an trast-thomhais agus tuitidh iad gu malla chun talmhainn. Is àbhaist do theothachd an àille a bhi nas ìsle aig àirdean as motha agus airson an adhbhar seo, bithidh sneachd uaireannan a' tuiteam gu talamh tro adhair a tha os cionn ìre reòthaidh. Anns an suidheachadh seo faodaidh don sneachd a ruigsinn na talmhainn aig inbhe eadar reòthadh agus leaghadh. Chanar flin ris a' mheasgachadh de sneachd agus uisge a tha ann a seo.

Ma bhitheas an sneachd a' tuiteam air fearann a tha os cionn ìre reòthaidh thèid a leaghadh- ach ma thuiteas e air talamh nas fhuara, bithidh e na laighe na staid reòite agus faodaidh dha a chruinneachadh na plaide a chuibhrigeas sgìre farsuinn.

Buaidh sneachd air Albann[deasaich | deasaich an tùs]

Sneachd a' tuiteam ann an Alba

Chan àbhaist don teothachd an Alba a' fuireach fo ìre reòthaidh airson ùine mhòr, ach air na beanntan nas arda, agus airson an adhbhar sin chan àbhaist do sneachd a' laighe fad iomadh seachdain, mar a bhitheas e an Lochlann agus 'sna beanntan Ailpeach. Airson a h-aon adhbhar, chan àbhaist do dhomhainneachd sneachda an Alba a' ruigsinn an domhainneachd de 2 neo 3 meatairean a tha cumanta an gleannaibh Nirribhidh.

A dh'aindeoin sin, ré geamhraidh cruaidh, faodaidh do roinnean na h-Alba fhulang sneachd troma a ruigeas domhainneachd mi àbhaisteach, mar a thachair an Siorramachd Pheairt an Dùbhlachd 2010, far an robh domhainneachd de 750mm air an ruigsinn ann am pàirtean na sgìre.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

ScotlandsNature.blog 2020-11-19: ‘Sneachd’ air Aghaidh na Tìre - le Ruairidh MacIlleathain, mu dheidhinn sneachd ann an ainmean-àite an Albainn