Catalòinia

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Na ceithir sgìrean ann an Catalòinia
Aquaduct romannach ann an Tarragona

'S e fear de na ceàrnaidhean na Spàinne a tha ann an Catalòinia [1] (Spàinntis: Cataluña; Catalanais: Catalunya; Aranese: Catalonha). Tha e suidhichte ann an ear-thuath na dùthcha. Tha crìochan aige sa tuath leis an Fhraing agus Andorra. Tha am Muir Mheadhannach san àird an ear. San àird a tuath tha na Pyranees, a' dol cho àrd ri 3000 meatair. Tha Catalòinia cho farsaing ri 32,114 cilemeatair ceàrnagach. Anns a' bhliadhna 2008 bha 7,210,508 duine de shluagh ann, le dluths aig àireamh 222.16 duine gach km².

Tha Catalanais , Spàinntis agus Aranese nan cànanan oifigeil.

Tha Barcelona na phrìomh-bhaile.

Tha ceithir sgìrean ann:

  • Barcelona
  • Girona
  • Lleida
  • Tarragona

'S e roinn eachdraidheil a tha ann an Catalòinia, tha bratach Chatalòinia a’ dol air ais dhan 10mh linn. Mar sin tha togalaichean eireachdail eachdraidheil rim faicinn air feadh na dùthcha. Tha mòran bailtean ann a tha beairteach a thaobh àrsaidheachd agus dìleab dualchais, mar eisimpleir: Lleida, Tarragona, Girona agus Barcelona.

Tha trì puirt-adhair eadar-nàiseanta ann:

  • Barcelona International Airport (BCN), port-adhar eadar-nàiseanta. Tha e suidhichte ann an El Prat de Llobregat mu 10 cileameatair air falbh san àirde an earra-thuath Bharcelona
  • Girona-Costa Brava Airport airson a’ Chosta Brava
  • Reus Airport (REU), port-adhair airson a’ chosta Daurada. Tha e suidhichte mu 7.5 cileameatair air falbh bho Bhaile Tharragona.

[deasaich] Daoine ainmeil

Ealain

Ceòl

[deasaich] Iomradh

  1. Faclair Akerbeltz