Lluís Llach i Grande

O Uicipeid
Lluís Llach i Grande
Ball dhen Phàrlamaid Chatalanach

26 dhen Dàmhair 2015 - 28 dhen Dàmhair 2017
Sgìre: Girona (en) Translate
Taghadh: 2015 Catalan regional election (en) Translate
cathraiche

8 dhen Mhàrt 2016 - 19 dhen Iuchar 2016
Muriel Casals i Couturier - no value →
cathraiche

24 dhen Dàmhair 2018 - 1 dhen Lùnastal 2019
Beatha
Ainm slàn Lluís Llach i Grande
Breith Girona, 7 dhen Chèitean 1948
Dùthaich  Na Dùthchannan Catalanach
Àite-fuirich Parlavà (en) Translate
Porrera (en) Translate
Ciad chànan Spàinntis
Catalanais
Foghlam
Cànain Catalanais
Fraingis
Dreuchd
Dreuchd cluicheadair ball-coise nan comann, sgrìobhadair, neach-poileataigs, saothraiche chlàran, neach-iomairt poileataigeach agus recording artist (en) Translate
Àitichean-obrach Malabhaidh
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Advisory Council for the promotion of a Civic and Social Forum for the Constituent Debate (en) Translate
Council for the Republic (en) Translate
Els Setze Jutges (en) Translate
Consell de Govern (Consell per la República) (en) Translate
Gnè ealain protest song (en) Translate
Inneal-ciùil piàno
giotàr
IMDb nm0515617
lluisllach.cat

‘S e seinneadair, sgrìobhadair, ceòladair agus sgrìobhadair ciùil à Catalòinia a th' ann an Lluís Llach i Grande (IPA: ʎuˈiz ˈʎak, Girona, 7 an Cèitean 1948). Bha e na bhall a’ chòmhlain-chiùil Els Setze Jutges (Sia Britheamhan Deug)[1] agus thathar dhen bheachd gur e fear-leasachaidh an Nova Cançó (Òran Ùr) a th' ann. Mar cheòladair poileataigeach, tha e air a bhith an sàs ann an saoghail a’ chiùil agus anns na h-iomairtean phoileateagach fad trì ginealach co-dhiù.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e mac Josep María Llach, lighiche agus tuathanach, agus María Grande, tìdsear a th' ann. Rugadh e ann an Girona ach thogadh e ann am Verges, baile beag eadar Barcelona agus Figueres. Dh’ionnsaich e fhèin agus a Bhràthair Josep María ris a’ ghiotàr a chluiche, nuair bha an dithis aca gu math òg. Tha piàna san taigh cuideachd. Fhuair e beachdan an làimhe chlì on ghlùin.

Fhuair e droch làimhseachaidh bhon dheachdaire Franco, agus b’fheudar dha a theiche thall thairis gu Paris anns na 70an. ‘S e a' chiad seinneadair ain-opàra a ghabh òrain san Taigh-cluiche Gran Teatre del Liceu a bh’ann Llach, is e a’ seinn Somniem (Nar cadal), san Shultain 1979. Bha 103,000 duine an làthair aig consart a rinn e sa phàirc Ball-coise Nou Camp, am Barcelona, air an siathamh latha dhen Iuchar 1985,[2] an cuirm-chiùil na bu mhotha a bha a-riamh san Roinn-Eòrpa.

Chlàraich Llach 33 clàran eadar 1969 agus 2007. Chleachdadh an t-òran na b' ainmeile agus na bu chonnspaidiche a rinn e a-riamh, L'estaca (An Cabar, 1968), leis an Aonadh-ciùird Solidarność (air a stèidheachadh le Lech Wałęsa) agus an sgioba rugbaidh Unió Esportiva Arlequins de Perpinyà. A thuilleadh air sin, ‘s e òran ar-a-mach ann an Tuinisia sa bhliadhna 2011 a bh' ann cuideachd.[3]

Ann an 2011 chuir e an Stòras Lluís Llach air dòigh, thall ann an Seanagal.[4] Bha an leabhar a sgrìobh e ann an 2012 Memòria d'uns ulls pintats (Cuimhne nan sùilean dathte) uabhasach soirbheachail. A bharrachd sin, bha e an sàs ann an stèidheachadh Assemblea Nacional Catalana (Co-chruinneachadh Nàiseanta Chatalòinia).

Òrain Cudromach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Letras.com
  2. Letras.com
  3. Público
  4. Fundació Lluís Llach