Salvador Puig i Antich

O Uicipeid
Salvador Puig i Antich
Beatha
Breith Barcelona, 30 dhen Chèitean 1948
Dùthaich  Na Dùthchannan Catalanach
Bàs Barcelona, 2 dhen Mhàrt 1974
Àite-adhlacaidh Cladh Montjuïc
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (garrote (en) Translate)
Murtair Antonio López Sierra (en) Translate
Teaghlach
Càraid Margalida Bover (en) Translate
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam La Salle Bonanova (en) Translate
Cànain Catalanais
Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-iomairt agus neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Movimiento Ibérico de Liberación (en) Translate
salvadorpuigantich.info

B’e Salvador Puig i Antich (IPA: səɫβəˈðo ˈpudʒ i: ənˈtik, Barcelona, 30 an Cèitean 1948–Barcelona 2 am Màrt 1974) Anarcach à Catalòinia a chuireadh gu bàs rè deachdaireachd Fhranco anns An Spàinn.[1]

Teaghlach[deasaich | deasaich an tùs]

'S e an treas mac dhe sianar a bh' ann Salvador Puig i Antich. Bhuineadh e do theaghlach meadhanach-luchd obrach. Bha athair, Joaquim Puig, air a bhith na bhall Acció Catalana (Gàidhlig: Iomairt Chatalanach) rè Dàrna Poblachd na Spàinne (19311939). B' fheudar dha teicheadh chun na Frainge is e na fhògarrach ann an campa ann an Argelès an dèidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne (19361939).[2] Fhuair esan binn bàis nuair a thill e gus An Spàinn, ach shàbhaladh a bheatha mus do chuireadh gu bàs e.[3]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Choinnich Salvador ri Xavier Garriga agus na Bràithrean Oriol agus Ignacio Solé Sugranyes aig an sgoil-oidhche Maragall, an dèidh dha na sagaratan dha fhuadachadh bhon àrd sgoil Chaitligeach Salle Bonanova,[4] air adhbharan a chuid dhroch ghiùlain. Stèidhich an ceathrar am buidheann Movimiento Íbero de Liberación (Gàidhlig: Gluasad Ibearach na Saoirse), neo MIL, an dèidh na tachartasan ann am Paris sa Chèitean 1968.[5] A bharrachd air sin, bha e an sàs anns na aonaidhean-ciùird taobh Comisiones Obreras cuideachd.[6] Thoisich Salvador ris a bhith a’ sabaid ann am MIL an dèidh dà bhliadhna a chur seachad san Arm agus ceum a ghabhail ann an Eaconomachd agus Poileataigs san oilthigh.[7] Ghoideadh MIL airgead bho na bancaichean agus shiubhladh iad gu tric chun na Frainge.

Bàs[deasaich | deasaich an tùs]

Chuireadh e an greim leis a' Phoileas Speisealta ann am Barcelona air an 25mh latha dhen Shultain 1973. Gu dòrainneach, chaochail oifigear-poileis air an robh Francisco Anguas Barragán ann an sabaid doirbh le gunnaichean ann an doras flat san sràid Carrer de Girona.[8] Chaidh Puig Antich leòinte cuideachd. Fhuair e binn bàis bho Chùirte an Airm airson murt Bharragán. Dhiùlt a’ Chùirte fianais a chluinntinn a chuideachadh Puig Antich.[9] A dh’aindeoin iomairt mhòr eadar-nàiseanta gus a bheatha a shàbhaladh, chaidh e chur gu bàs aig 9:30m air an dàrna latha dhen Mhàrt 1974.[10] Bha e dìreach 25 bliadhna a dh’aois. Bha Riaghaltas na Dùthcha airson dìoghaltas fhaighinn air sgàth s’ gun do mharbh ETA ceannard Spàinnteach air an robh Carrero Blanco. Chaidh Puig Antich a thìodhlachadh ann an Cementerio de Barcelona.[11]

Meadhanan[deasaich | deasaich an tùs]

Fiolmaichean[deasaich | deasaich an tùs]

Ceòl[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Portal Oaca
  2. El País
  3. Portal Oaca
  4. El País
  5. Portal Oaca
  6. Clandestino de Autores
  7. Portal Oaca
  8. Solidaridad Obrera
  9. El País
  10. Portal Oaca
  11. Público