Co-chomann València

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha anns A’ Co-chomann València (Catalanais. Comunitat Valenciana). Mar a sgrìobh Livius, thàinig an t-ainm bhon fhacal Laideann Valentia, a tha a’ ciallachadh fearalas.[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, ri taobh na Mara Mheadhanach. Tha dà phort-adhair eadar-nàiseanta ann, (Alacant is València).

'S e València an 8mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 23,255 cilemeatair ceàrnagach, 4.6% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 5,094,675 duine de shluagh ann,[2] le dluths aig àireamh 219.08 duine gach km². A bharrachd air sin, tha dà chànain oifigeil ann: Spàinntis agus Catalanais, ris an canar Valencianais anns an sgìre.

Tha València na Choimhearsneachd Fèin-Riaghailteach fo smachd an Generalitat de València. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Righlaidh aige. Tha trì sgìrean ann an València. mar a leanas:

Sgìre Prìomh-bhaile Àireamh-shluaigh Dlùths
Roinn Alacant Alacant 1,926,285 5,816 km²
Roinn Castelló de la Plana Castelló de la Plana 602,301 6,632 km²
Roinn València València 2,575,362 10,763 km²

Ceangal a-muigh[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Oilthigh Huntsville
  2. Cunntas-sluaigh na Spàinne