Castilla-La Mancha

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Castilla la Mancha (IPA: kas'tiʎa la 'mantʃa). Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha, ri taobh na Madrid. Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann an Ciudad Real.[1] ‘S e Toledo prìomh-bhaile na Roinne.

'S e Castilla la Mancha an treas ceàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 79,463 cilemeatair ceàrnagach, 15.7% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 2,098,373 duine de shluagh ann,[2] le dluths aig àireamh 26.4 duine gach km². ‘S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann an Castilla La Mancha.

Tha Castilla La Mancha na Choimhearsneachd Fèin-Riaghailteach fo smachd an Cortes de Castilla La Mancha. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[3] Tha còig sgìrean anns Castilla la Mancha, mar a leanas:

Sgìre Prìomh-bhaile Àireamh-shluaigh Dlùths
Roinn Albacete Albacete 401,682 14,926 km²
Roinn Cuidad Real Ciudad Real 515,529 19,813 km²
Roinn Cuenca Cuenca 217,716 17,141 km²
Roinn Guadalajara Guadalajara 251,563 12,167 km²
Roinn Toledo Toledo 697,959 15,370 km²

Ceangal a-muigh[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. El Mundo
  2. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  3. Cortes de Castilla La Mancha