Andalusia
'S e fear de na ceàrnaidhean as motha anns an Spàinn a tha ann an Andalusia (Spàinntis: Andalucía). Thàinig an t-ainm bhon fhacal Al-Andalus, b' e sin an t-ainm a bha air eadar 711 agus 1492.
Tha e suidhichte ann an ceann an iar-dheas na dùthcha. Tha a' Phortagail agus an Cuan Siar san àird an iar dheth. Tha am Muir Meadhannach san àird an ear agus tha Giobraltair san àird a deas Andalusia. 'S e Andalusia an ceangal nàdarra eadar Afraga agus an Roinn-Eòrpa.
'S e Andalucia an dàrna cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 87,268 cilemeatair ceàrnagach. Anns a' bhliadhna 2007 bha 8,059,431 duine de shluagh ann, le dluths aig àireamh 91.39 duine gach km².
Tha trì puirt-adhair eadar-nàiseanta ann (Almería, Málaga is Sevilla). Cuideachd tha port-adhair nàiseanta ann an Granada agus Jerez.
Tha Andalusia na Choimhearsneachd Fèin-Riaghailteach fo smachd an Junta de Andalucia. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Righlaidh aige. Tha ochd sgìrean ann an Andalucia.
| Sgìre | Prìomh-bhaile | Àireamh-shluaigh | Dlùths |
|---|---|---|---|
| Almería | Almería | 635,850 | 72.5 d./km² |
| Cádiz | Cádiz | 1,180,817 | 158.8 d./km² |
| Córdoba | Córdoba | 788,287 | 72.4 d./km² |
| Granada | Granada | 882,184 | 68.7 d./km² |
| Huelva | Huelva | 483,792 | 47.7 d./km² |
| Jaén | Jaén | 662,751 | 49.1 d./km² |
| Málaga | Málaga | 1,491,287 | 204.1 d./km² |
| Sevilla | Sevilla | 1,813,908 | 129.2 d./km² |
Tha cruth na tìre gu math eadar-dhealaichte an seo. Tha monaidhean àrda ann a tha còmhdaichte ann an sneachda fad na bliadhna. Ach tha oir-thìrean tropaigeach, coilltean tais agus fàsaichean ann cuideachd, m.e.: am Fàsach Thabernas, a tha suidhichte anns an sgìre Almería.
Tha mòran togalaichean eachdraidheal ann an Andalusia, mar eisimpeir:
- El Torcal ann an Antequera
- Medina Azahara is Mezquita ann an Córdoba
- Alhambra, Palace of Charles V is Albayzín ann an Granada
- Alcazaba is El Tajo ann am Malaga
- La Giralda, Torre del Oro, Plaza de España, Àrd Eaglais Sheville is Alcázar ann an Seville
- Vázquez de Molina Square ann an Úbeda (Jaén)
Ceangal a-muigh [deasaich]
Andalusia •
Aragón •
Asturias •
Na h-Eileanan Balèarach •
Na h-Eileanan Canàrach •
Cantàbria •
Castilla-La Mancha •
Castilla y León •
Catalòinia •
Co-chomann València •
Dùthaich nam Basgach •
Extremadura •
A' Ghàilis •
Madrid •
Melilla •
Murcia •
Nafarroa •
La Rioja •
Ceuta