Jaén (baile)

O Uicipeid
Jaén
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Andalusia
Sgìre Jaén
Co-chomharran 37° 46′ 00″ Tuath
3° 46′ 16″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 424.30 km²
Àireamh-shluaigh 120,021 (2009)
Dlùths 282.87/km²
Duilleag oifigeil Talla a' Bhaile Jaén

‘S e prìomh-bhaile na roinne leis an aon ainm a th' ann am baile Jaén (IPA: xaˈen) , far ainm Prìomh-bhaile na Rìoghachd Naoimh. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na Spàinne anns an ear-thuath Andalusia. Tha àireamh-shluaigh dhe 120,021 aige, neo mu 1/6 àireamh-shluaigh na roinne gu lèir. Tha Jaén ann an teas mheadhan a’ Cheàrna Cathaireil Jaén, far a bheil 1/3 àireamh-shluaigh na roinne na tàmh.

Tha Jaén na laighe aig bun a' bheinn ris an canar Cerro de Santa Catalina. Tha lìonra dhe sràidean caola aig cridhe a' bhaile mu thimcheall a' chaisteil. Tha mòran fhearainn torrach làn achaidhean olivares mu thuath. Tha sliabh Jaén agus sliabh Jabalcuz ris an taobh dheas agus iar-dheas, le faiche na h-aibhne Guadalbullón (Wadi Abd Allah ann an Arabais [1]) mu thuath, is an abhainn a' sruthadh dlùth air a' bhaile. 'S e leas-abhainn an Guadalquivir (Al Wadi Al Kebir -An Abhainn Mhòr ann an àrabais) a th' ann an Guadalbullón.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cuid a' mìneachadh gur e às an Laideann Villa Gaiena a thàinig an t-ainm Jaén bho thùs. Tha feadhainn eile, is iad Iùdhaich Arabach à Afraga a Tuath, ag innse gur e dìreach às an fhacal Eabhra Dayan (britheamh) a thàinig ainm a' bhaile. A dh'aindeoin an connspaid sin, 's e جيان (Jayyān) a bh'air aig àm nan Arabach co-dhiù.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ro na Ròmanaich[deasaich | deasaich an tùs]

Bha oppidium (dùn) ann am Puente Tablas, dìreach ri taobh a' bhaile, ach bha e lom ron a' chogaidh Punico. Bha tùir agus mùirean spaideil aig an dùn, agus thathar air poitean Iberianach agus stuthan eile a leag na Tartesos a lorg, is na rudan seo bhon na linntean V agus IV Ro Chrìosda. Thàinig in-imrichean às a' Ghrèig agus Phoenicia an dèidh sin. Eadar 237 RC agus 231 RC fhuair Cartago làmh an uachdair air an abhainn leis an canar Guadalquivir an latha an-diugh. 'S e caisteal aig Hannibal a bh' ann Jaén, is rinneadh iad mèinnean anns na beanntan Sierra Morena.

Na Ròmanaich[deasaich | deasaich an tùs]

Cheannsaich Scipio am baile mu 207 RC. Sgrìobh Livius gur e baile beairteach a bh' ann Jaén, rud a dh'aidich na h-ainm a thug na Ròmanaich air a' bhaile, stèidhichte air an fhacal Aur (òr): Auringi/Oringe air rèir Strabo agus Nijis/Oringis a-rèir Pliny. Phàigheadh na daoine cìsean sònraichte agus chumadh na Ròmanaich feachdan anns a' bhaile, leis cho dlùth 's a bha na ceanglaichean eadar Jaén agus Carthage. Mu dheireadh thall, ghairm Vespasian, gur e baile Ròmanach a bh' ann, is esan ga ainmeachadh Aurgi.

Na Gotaich[deasaich | deasaich an tùs]

Cheannsaich na Gotaich (Visigodos ann an Spàinntis) am baile anns an 6mh linn, an dèidh do Iompaireachd na Ròimhe a thuit às a chèile. 'S e daoine Ròmanach-Spàinnteach a bh' ann iad uile fhathast le bhuidhnean dhe Ghotaich nan tàmh anns a' Chaisteal. Dh'èirich na Ròmanaich-Spàinntich suas bho àm gu àm. Chaill am baile a chuid chultair agus bheairteas rè àm nan Gotach.

Na Muslamaich[deasaich | deasaich an tùs]

Thàinig na Muslamaich à Afraga a Tuath ann an 711. Chuir iad còig linn seachad ann an Jaén. 'S e baile mòr cudromach a bh' ann Jaén fo na Muslamaich agus thogadh iad lùchairtean, tùir, mùirean, mosgaichean agus taighean-ionnlaid. 'S e prìomh-bhaile na Rìoghachd Dijaryan a bh'anns a' bhaile an dèidh do Rìgh Abdelazib ga cheannsachadh anns an 10mh linn. Thug na Almoravidich làmh an uachdair anns an 1091 agus chaill e gu na h-Almohadaich ann an 1148. Thug am baile cliù airson deagh àiteachais agus coilltearachd rè linntean nan Muslamach agus bha e ainmeil cuideachd airson às-mhalairt stuthan ann am fiodh agus brat-ùrlair, gan reiceadh air feadh Al-Andalus (Spàinn nan Arabach) agus thall thairis ann an Afraga a Tuath. Ann an 1212 bhuannaich na Crìostaidh Blàr Navas de Tolosa agus le sin fhuair iad smachd air an Guadalquivir. Beagan bhliadhna an dèidh sin, ann an 1246 cheannsaich Rìgh Fernando III am baile, tro aonta leis an Rìgh Muhammad Alhamar. Dh'fheuch na h-Arabaich Nasridich, à Granada, ris a' bhaile a thoirt a-mach às na Crìostaidh ann an 1300, ach b' urrainn dhuibh sin a dhèanamh. Thog na Crìostaidh caistealan air feadh na sgìre, is am baile fo bhuaidh na Spàinne a-chaoidh, gus an latha an-diugh. Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[2]

Rudan ri Fhaicinn[deasaich | deasaich an tùs]

Lùchart Villadompardo[deasaich | deasaich an tùs]

'S e togalach stèidhichte aig àm an Ath-Bheòthachadh a th' ann an Lùchart Villadompardo. 'S ann leis a' chiad Iarla Villadompardo, Fernando Torres y Portugal, a bha na Leas-Rìgh air a' Pearu aig àm Iompaireachd na Spàinne a bha an lùchart[3]. Bhathar a' cleachdadh an Lùchart mar bhanca eadar an 17mh linn agus an 18mh linn. An dèidh sin bha e na thaigh-Eirdinn banail gu ruige 1901, nuair a thug an comhairle os làimh e. Tha an Hamman (Taigh-Ionnlaid) as motha anns an Roinn Eòrpa fon lùchairt. Chaidh an Hammam[4] a thogail aig àm Righ Abd-Al-Rahman II (Toledo 792 - Córdoba 852). Chaidh an Hamman a dhìochuimhneachadh an dèidh na lùchairte a thogail gu ruige 1922. Bhuannaich an togalach, na thaigh-tasgaidh bho 1970, nuair a ghluais an Taigh-eiridinn gu àite eile, an Duais Europa Nostra ann an 1984. Tha dà thaigh-tasgaidh am broinn na lùchairte: Taigh-tasgaidh Ealain agus Cleachdaidhean an Tuath agus Taigh-tasgaidh Ealain Nòs Soineannta[5].

Caisteal Santa Catalina[deasaich | deasaich an tùs]

Plana a' chaisteil

'S e togalach le freumhan Arabach a th' anns a' Chaisteal Santa Catalina. Chaidh caisteal a stèidheachadh shuas air a' bheinn os cionn a' bhaile leis na h-Arabaich anns an 8mh Linn, ach bha structar dìonail air a bhith ann an siud bho àm nan Iberach, iomadach linne ro ìompaireachd nan Ròmanach. Thog na h-Arabaich Alcazar (Caisteal ann an nòs Arabach) aig àm Rìgh Alhamar. An dèidh ceannsachadh a' bhaile ann an 1246, chaidh Caisteal mòr a stèidheachadh air tobhtaichean a' chaisteil Arabach, agus Eaglais Naoimh Catalina na lùib[6]. Dh'òrdaich Condestable Iranzo obair mhòr anns an 15mh linn. Chaidh an caisteal a leasachadh aig àm nan Frangach, aig toiseach na 19mh linne, is thog iad ospadal, sabhail, àros an Riaghladair, oifisean agus làrach airson gunnaichean mòra. Rè an 19mh linne. Leag iad ann an fìor droch stàit e ann an 1812. Rinneadh obair air a' chaisteal rè an 19mh linne, gu brìgh gu robh còmhstri ann ceangailte le Cogadh nan Carlistas, 'S e Taigh-òsta na Stàite, neo parador, a th'ann an latha an-diugh[7].

Cathair-Eaglais[deasaich | deasaich an tùs]

Sealladh air a' Chathair-Eaglaise

Thoisich obair air Cathair-eaglais a' bhaile anns an 16mh linn, ann an àite far an robh mosg. Chaill na h-Arabaich Jaén ann an 1249 agus dh'òrdaich Rìgh Fernando III gun deach e a thionndaidheadh gu eaglais. Chaidh am mosg a milleadh gu lèir airson eaglais a thogail anns an aon làrach, agus chuir an còmhstri eadar Muslamaich agus Crìosdaidhean stad air an obair. Rinn na h-Arabaich creach air a' bhaile ann an 1368, a fhuair droch bhuaidh air an eaglaise. Mu dheireadh thall mhair an gnothaich aig àm an Ath-bheòthachadh 164 bliadhna, bho 1540 gu ruige 1724. 'S e Andrés de Vandelvira (Alcaraz 1509 - Jaén 1575) an t-ailtire a fhuair a' bhuaidh a bu treasa air togail na h-eaglaise. Chaidh mòr-chuid na cathair-eaglaise a thogail ann an nòs gotach[8]. Bha am baile seo cho beairteach tro Aois an Òir gun do thog an ailtire Andrés de Vandelvira iomadh toglach spaideil ann.[9]

Spòrs[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Real Jaén an t-ainm a tha air sgioba ball-coise a' bhaile. Ghuais iad bhon sheann Pharque de las Victorias gu Nuevo Estadio de las Victorias ann an 2001, airson ionad bùithtean a chur ann an àite. Tha am pàirc ùr aca a-nis air iomall a' bhaile ris a thaobh mu thuath. Faodaidh am pàirc sin 12,000 luchd-leantainn a' chlub a thoirt a-staigh. Chaidh an club a stèidheachadh ann am 1922[10].

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

  • Francisco del Castillo el Mozo (Jaén 1528 – Granada 1586): Ailtire.
  • Diego Coello de Portugal y Quesada (Jaén 1820 - An Ròimh 1897) Tosgair, neach-poileataigs.
  • Bernardo López García (Jaén 1838 - Madrid 1870): Bàrd.
  • Bernabé Soriano de la Torre (Jaén 1842 - Jaén 1909): Dotair.
  • Francisco Coello de Portugal y Quesada (Jaén 1822 - Madrid 1898). Saighdear, dealbhadair mapaichean.
  • Fausto Olivares Palacios (Jaén 1940 - Jaén 1995). Dealbhadair.
  • Joaquín Fabrellas Jimenez (Jaén 1976 -): Bàrd.
  • Ismael Santiago López López (Jaén 1978 -): Cluicheadair Ball-coise.
  • José Luís Carrasco Gámiz (Jaén 1982 -): Rothaireadair.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

  • Arezzo

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Diario de Jaén (Pàipear-naidheachd a' bhaile)

Ideal Jaén (Pàipear-naidheachd a' bhaile)

Làrach-lìn Turasachd a' Cheàrna

Gailearaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. El Valle del Río Guadalbullón an La Baja Edad Media. Una frontera entre Castilla y Granada, Juan Antonio López Cordero
  2. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  3. Ùghdarrasan Ionadail
  4. Andaluía.com
  5. Palacio de Villadompardo en La Guía Go
  6. CastillosNet
  7. Parador de Jaén
  8. Catedral de Jaén, Macarena Guillén Peche, Universidad de Navarra
  9. José Camón Aznar, Arquitectura y orfebrería españolas del S. XVI, Espasa Calpe. OCLC 865261305
  10. Làrach-lìn oifigeil C.B. Real Jaén
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: