Granada (provincia)

O Uicipeid
Granada
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Granada
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12,647 km²
Àireamh-shluaigh 924,550 (2014)
Dlùths 73.1/km²
Àireamh fòn + (958)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Granada (IPA: ɡɾa'naða). Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Granada a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Granada fad 12,647km²[3] agus tha 924,550 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 15mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 19mh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Albacete, Almería, Córdoba, Jaén, Málaga, agus Murcia.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil freumh-fhaclachd an ainm soilleir. Tha e coltach gur ann à Gar-anat (Gàidhlig: Cnoc na Luchd-taistealachd) ann an Arabais a tha an t-ainm. A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Garnatum ann an Laideann agus gu bheil sin a’ ciallachadh ruadh no gràn-ubhal:[6] Tha gràn-ubhal air an t-seula agus tha ùir ruadh pailt san sgìre. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Nueva Acropolis