Alacant
O Uicipeid
Alacant
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 38° 20' 43 Tuath 00° 28' 59 Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 201.27 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 334,418 (2010) | ||||
| Dlùths | 1,661.54/km² | ||||
| Àireamh fòn | + 34 965 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
‘S e baile mòr agus port cudromach air oirthir an ear na Spàinne a th’ ann Alacant (Catalanais,IPA: ala'kant), neo Alicante (Spàinntis: IPA: ali'kante). Chaidh e a stèidheachadh mu 324 Ro Chrìosd. Tha Alacant suidhichte air a’ Mhuir Meadheanach, aig dìreach 1m os cionn ìre na mara,[1] eadar na h-aibhnichean Seco agus Rambuchar.[2] Tha Alacant 362km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 394km bho Bharcelona.[3] Tha 334,418 daoine a’ fuireach ann an Alacant,[4] an darna baile as motha anns a' Cho-chomann València agus an 13mh baile na Spàinne.[5] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Alacant a th’ann Alacant cuideachd.
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
Caloforte, An Eadailt
Wenzhou, Sìona
Nice,[6] An Fhraing
León, Niocaragua
Herzliya, Iosrael
Orane, Aildiria
Toyooka, An t-Seapan
Riga, An Laitbhe
Matanzas, Cùba
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Mongabay
- ↑ Viajar en Familia
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Annuaire de France