Tomás Cipriano de Mosquera
Tomás Cipriano de Mosquera | |||||
---|---|---|---|---|---|
14 dhen Chèitean 1863 - 8 dhen Ghiblean 1864 - Manuel Murillo Toro →
22 dhen Chèitean 1866 - 1 dhen t-Samhain 1867 ← José María Rojas Garrido - Joaquín Riascos → | |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Tomás Cipriano Ignacio María de Mosquera y Arboleda | ||||
Breith | Popayán, 26 dhen t-Sultain 1798 | ||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Bàs | Purace (en) , 7 dhen Dàmhair 1878 | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | José María de Mosquera y Figueroa | ||||
Clann |
liosta
| ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||
Foghlam | |||||
Foghlam | Oilthigh a' Chauca | ||||
Cànain | Spàinntis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-poileataigs, stàitire agus dioplomat | ||||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
B’ e Tomás Cipriano de Mosquera y Arboleda ( Popayán, 26mh an t-Sultain 1798 - Popayán, 7mh an Dàmhair 1878) saighdear, neach-poileataigs, leasachair agus rìochdaire dioplòmasach à Coloimbia,[1] a bha na Cheann-suidhe Poblachd Ghranada Ùr eadar 1845 agus 1849 agus na Stàitean Aonaichte Choloimbia eadar 1861 agus 1864 agus bho 1866 gu ruige 1867. Thathar a’ tagradh gur e fear dhe na figearan na bu chudromaiche ann an eachdraidh Choloimbia rè na 19mh Linne.[2][3]
Cùrsa Beatha fo Armaibh agus anns a’ Poileataigs
Rugadh e ann am Popayán 26mh an t-Sultain 1798. ‘S e mac an uachdaran-fearainn beartach José María Mosquera y Figueroa, agus María Manuela Arboleda y Arrechea a bh’ann, agus le sin bha e na bhall fear dhe na teaghlaich na bu chliùitiche na dùthcha rè na 19mh linne. Fhuair na triùir bhràithrean aige (Joaquín, Manuel José agus Manuel María) an cuid chliù cuideachd. Nan òige, ann an 1814, thoisich e ann an iomairt an saorsa, fon Sheanailear Simón Bolívar. Fhad ‘s a bha e na leas còrnaileir, ann an 1824 shabaid e an aghaidh na Guerrilla aig an Tùsanach rìoghaire Agustín Agualongo, ann am Barbacoas, Nariño, far an d’ fhuair e peilear a chaidh dìreach bho thaobh gu taobh tron bheul, is leig sin athailt anns an aghaidh: an a dhèidh bhiodh e doirbh dhàsan bruidhinn is air sgàth sin fhuair e am far-ainm "Mascachochas". Chaidh e a dh’ àrdachadh gu còrnaileir airson a chuid obrach ghaisgeil agus thoisich a bhith os cionn an Riaghaltais ann an caochladh cheàrna ann an ceann an iar-dheas na dùthcha: (Buenaventura, Guayaquil, Cauca) ach aig an aon àm lean e air mar shaighdear ainmeil, is chaidh e a dh’ainmeachadh na Sheanailear ann an 1829.
Ged nach do choileanadh e cùrsa ionnsachaidh sam bith aig an oilthigh Cauca, ‘s e duine gu math foghlamaiche ann an Laideann, Beurla, Fraingis agus Eadailtis a bh’ann, agus fiù’s thoisich e eadar-theangachadh dhe Tasso nan òige.[4] A bharrachd air sin, theagaisg e matamataig aig an oilthigh cuideachd.[5]
Bha e na sheòltaire ann am Pearu (1829 - 1830), ann an caochladh dhùthaich na Roinne Eòrpa agus anns na Stàitean Aonaichte (1830 - 1833). Nuair a thill e bha e na bhall a’ mhòr-dhail (1834 - 1837) agus an Riaghaltas nan Tòraidh aig José Ignacio de Márquez Barreto: chaidh Mosquera a dh’ainmeachadh rùnaire a’ Chogaidh agus le sin stiùir is bhuannaich e Cogadh nan Àrdanach ann an 1840. An uair sin bha e an sàs anns an dioplòmasaidh mar thosgair ann am Pearu, an t-Sile agus Boilibhia eadar 1842 agus 1845.
A’ Chiad Cheannas (1845 – 1849)
Thug a’ Bhuidheann Ministreachd taic dha Mosquera airson an taghaidhean dhe 1845 (na Tòraidhean anns na bliadhnachan ri teachd), is bha esan ga thaghadh. Seo na rudan a lorg a’ chiad Riaghaltas aige:
- Chaidh an eaconamaidh a dh’fhosgladh chun a’ mhalairt eadar-nàiseanta; rèitich iad an Còrdadh Mallarino-Bidlack airson Sìth, Càirdeas, Luingearachd agus Malairt còmhla ris na Stàitean Aonaichte ann an 1846.
- Còmhla ri Rùnaire a’ Mhaoineachaidh Florentino González, b’ urrainn dhàsan mòran chìsean co-àiteachail a chuir às, is le sin ath leasaich iad gnìomhachas an tombaca.
- Chaidh an siostam meatrach deicheil a steidheachadh anns an dùthaich.
- Thoisich e poileasaidh dhe sgaradh eadar an Stàit agus an eaglais Chaitligeach.
- Rèitich e na h-obraichean airson am Pàrlamaid Nàiseanta a thogail.
- Chaidh a’ chiad chunntas-sluaigh nàiseanta ann an eachdraidh Choloimbia a dhèanamh.
- Bhrosnaich e na bàtaichean-smùid air an Magdalena.
Fhuair na poileasaidhean aige fìor dhubh chàineadh bho na daoine a thug taic dhàsan airson an ceannas fhaighinn, agus bha e a-nis na bu fhaisge air a’ Phàrtaidh Libearalach. Nuair a chrìochnaich an teirm aige chaidh e gu Eabhraig Nuadh airson gnìomhachas an teaghlaich a dhèanamh agus steidhich e companaidh malairt eadar-nàiseanta.
An dèidh corra bhliadhna anns na Stàitean Aonaichte, thill Mosquera ri sabaid an aghaidh ar-a-mach na luchd-Cheàirde agus an deachdaire José María Melo a chuir às a’ chathair ann an 1854. An uair sin, ri taobh nan Libearalach gu lèir, thug e pàirt anns a’ mhòr-dhail mar riochdaire agus seanadair agus bha e na thagraiche airson a’ chinneas ann an 1857, fhuair e an treas àite ri chùlaibh an Tòraidh Mariano Ospina Rodríguez agus fear Libearalach raideagach (a chuir am feadaraileas na dùthcha an cèill, a-nis fon ainm Co-chaidreachas Ghranada). Chaidh e a thaghadh ceann-suidhe stàit a’ Chauca, is leis an dreuchd sin thionndaidh e gu bhith os cionn na luchd-dùbhlain an aghaidh a’ chinn-suidhe Ospina, nach onarachadh fèin-riaghladh na stàitean.
Cogadh Sìobhalta dhe 1860 - 1862
Ann an 1860 chuir e naomh-thrèigsinn a’ Chauca an cèill agus rinn e glaodhach a’ chogaidh an aghaidh a’ cho-chaidreachais. An ceann greiseag fhuair e taic bho na stàitean Santander agus Tolima, a dh’ainmich iad Riaghladair e, agus an ceann bliadhna is beagan, b’ urrainn dhàsan na Tòraidhean a chur a-mach às an riaghaltas, agus an uair sin bha e fhèin na cheann-suidhe eadar-amail na dùthcha. Ghairm e Co-chruinneachadh Bun-Reachdail, a thug àite ann an Rionegro ann an 1863. Chuir e an comhstrìtheach Tòraidh aige às a’ chathair agus thug e an riaghaltas fo làimhe. Ghairm an Seanalair Leonardo Canal González gur e esan a bha os cionn an Riaghaltais, ach theich e thall thairis.
Darna agus treas Cheannas (1861-1864)
Anns an darna teirm aige anns a’ chinneas (1861 – 1863), dh’fhoillsich e sreath dhe àithntean airson neart na Eaglaise Chaitligeach a chur fo smachd, gu h-àraidh arfuntachadh an earrais làmh mharbh (mortmain), le sin chaidh oighreachdan na h-eaglaise ga toirt air falbh, gus a bhith gan reic an uair sin ann an rop poblach; a bharrachd air sin chuir e an Comann Iosaid a-mach às an dùthaich.
Chaidh na sgaraidhean eadar na radaigich (le Manuel Murillo Toro os an cionn) agus an fheadhainn aig Mosquera uabhasach follaiseach aig a’ Cho-chruinneachadh ann an Rionegro, (a bha loma-làn dhe Libearalaich). Ach chaidh bun-reachd gu math feadarail libearalach a rèiteachadh co-dhiù, a bheireadh barrantas dha còirichean nan saoranach agus a thaitinn gach uile ball a’ co-chruinneachaidh. A bharrachd air sin, chaidh Mosquera a thaghadh airson a’ chiad dhà bhliadhna riaghaltas na Stàitean Aonaichte Choloimbia a choileanadh, gu ruige 1 an Giblean 1864.
Anns an treas teirm aige, b’ fheudar dhàsan a chur an aghaidh cogadh còmhla ris an Eacuador: bha esan fhèin os cionn na feachdan Coloimbianach, agus fhuair e buaidh dheireannach aig Blàr Cuaspud ann an Dùbhlachd 1863. Nuair a leig e an ceannas chaidh e gu Paris mar thosgair.
Ceithreamh Ceannas (1866 - 1867), leigeil seachad agus bàs
Thill Mosquera buadhmhor dhan dùthaich ann an 1866 is chaidh e a thaghadh mar cheann-suidhe airson an ceithreamh turas aige, a dh’aindeoin dùbhlain nan Libearalach raideagach. Ach bha am Pàp a’ dol san eadraiginn gu dlùth air sàilleabh an fhrionais a bh’ann taobh làimhseachaidh dàimhean leis an eaglaise, agus leis gu robh an ceann-suidhe ga ghiùlain mar dheachdaire (dhùin e am mòr-dhail ann an Giblean 1867) rud a spreag na luchd-dùbhlain ga chur às a’ chathair 23mh an Cèitean 1867, agus an latha ud sin chaidh e a chur an greim le buidheann dhe shaighdearan fon chòrnaileir Daniel Delgado París agus le sin b’ urrainn dhan Sheanailear Santos Acosta Castillo, a bha os cionn na feachdan armachd aig an àm, an riaghaltas a thoir fo làimh.
Bha e na fhògarrach thall thairis fad trì bliadhna ann an Lima. Nuair a thill e ann an 1871 sheas e chun a’ chinneas gun shoirbheachas, ach chaidh e a thaghadh ceann-suidhe a’ Chauca gu ruige 1873. Ann an 1876 fhuair e àite anns an t-Seanaidh. Bhàsaich e aig 80 bliadhna a dh’aois air an oighreachd aige ann an Coconuco, faisg air Popayán. Tha an duslach aige na laighe ann an Teampall nan Curaidh (Panteón de los Próceres)) ann am Popayán, còmhla ris a’ mhòr-chuid dhe na daoine ainmeil a rugadh anns a’ bhaile.
Teaghlach agus beatha pearsanta
A’ leantainn na cleachdaidhean àbhaisteach a riaghladh giùlan nam morair aig na linntean sin, phòs Mosquera a cho-ogha Mariana Arboleda y Arroyo ann an 1822. Cha robh am pòsadh sin uabhasach sona agus tha fios againn gum faigheadh Mosquera coinneachaidhean gu tric le mòran mhnathan rè a bheatha. Fhuair e cloinne le mòran dhuibh agus thug e an sloinneadh aige chun a’ mhòr-chuid. Fhuair e dithis chloinne leis a’ chiad bhean aige, Mariana: Aníbal agus Amalia (Phòs Amalia Pedro Alcántara Herrán, a bhios na cheann-suidhe).
An ceann greiseag na bhantrach-duine, phòs e María Ignacia Arboleda Arboleda, nighean pheathar a’ chiad bhean aige. A-rèir eachdraichean an àm, bha Mosquera mothachail gu robh e uabhasach aosda agus nuair a ghairm a ghràidh chun a’ chaileig òg thuirt esan dhi: " Am bu thoil leat a bhith banntrach an t-Seanaileir Mosquera?". Cha d’ fhuair iad ach aon mhac, José Bolívar Carlos Dorico Mosquera y Arboleda, a rugadh ann an 1878, beagan an dèidh bàs an t-Seanaileir.
Iomraidhean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Oifis a' Chinn-suidhe
- ↑ Leabharlann Luís Angel Arango
- ↑ Malcom Deas - Roi-Radh ann an: Lofstrom, William (1996) La vida íntima de Tomás Cipriano de Mosquera (1798 - 1830), Bogotá: El Áncora Editores, p.11
- ↑ Oilthigh Cauca
Ceanglaichean A-mach
Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)
Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia (Spàinntis)
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)