Jump to content

Ramón González Valencia

O Uicipeid
Ramón González Valencia
governor (en) Translate

1900 - 1901
oifigeach coitcheann

1901 -
ministear a' chogaidh

1901 -
governor (en) Translate

1903 - 1904
vice president (en) Translate

1904 -
ceann-suidhe

1909 - 1910
Beatha
Ainm slàn José Rafael Ramón Eufrasio de Jesús González Valencia
Breith Chitagá, 24 dhen Chèitean 1851
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Chitagá, 3 dhen Dàmhair 1928
Àite-adhlacaidh Pamplona
Teaghlach
Cèile Antonia Ferrero Atalaya (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh an Rosario Q17622324 Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus luchd an airm
Obraichean comharraichte Q124326489 Translate
Seirbheis san arm
Ìre oifigeach coitcheann
Strì Cogadh na Mìle Làithean
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B' e Ramón González Valencia (Chitagá, Norte de Santander, 24mh an Cèitean 1851 - Pamplona, Norte de Santander, 3 an Dàmhair 1928) saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia.[1] Bha e na ceann-suidhe na dùthcha bho 3 an Lùnasdal 1909 gu 7mh an Lùnasdal 1910. Chaidh e a dh’ainmeachadh ceann-suidhe leis a’ Mhòr-dhail an àite Rafael Reyes, is e na leas ceann-suidhe fodha eadar 1904 agus 1909.[2][3]

Beatha armachd

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e saighdear gu math ainmeil a bh’ ann González is thug e pàirt ann an iomadh chogadh cudromach air feadh na dùthcha, chan eil a’ dèanamh rian-iomairtean a-mhàin, ach bha e an sàs anns na sabaidean cuideachd, agus fhuair e cliù anns na cogaidhean sìobhalta dhe 1876 agus 1895, a bharrachd air Cogadh na Mìle Làithean.

Ceannas Coloimbia

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e co-chruinneachadh a ghairm tro Lagh àireamh 3 dhe 1910 airson ath leasachaidhean a sgrùdadh is a ghabhail ris taobh a’ Bun-Reachd dhe 1886 an rud na bu chudromaiche a rinn e fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais. Chruthaich an t-Ath Leasachadh poileataigeach sin ùine mhòr shìtheil airson na dùthcha, is le sin chaidh pròiseas dhe ùrachadh eaconamach a chur air dòigh.

Ath-leasachadh a’ Bhun-reachd dhe 1886

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e co-chruinneachadh a chuir González air bhog 15mh an Cèitean dhe 1910 airson a’ Bun-Reachd dhe1886 a dh’ath leasachadh an rud na bu chudromaiche a rinn an Riaghaltas aige: chaidh na riochdairean a thaghadh le Comhairlean na Bailtean agus bha 45 buill ann, a’ mhòr-chuid riochdairean na Pàrtaidhean Libearalach agus Tòraidh, Carlos E. Restrepo Restrepo, Pedro Nel Ospina Vásquez, Enrique Olaya Herrera, Rafael Uribe, nam measg.

Seo liosta na h-atharrachaidhean na bu chudromaiche a rinn iad:

  • Cur às do bhinn bàis.
  • Casg air airgead ùr ann an cruth pàipear a dhèanamh.
  • Cruinneachadh bliadhnail a’ Mhòr-dhail.
  • Taghadh bliadhnail na luchd-ainmichte leis a’ Mhòr-dhail
  • Taghadh poblach ceann-suidhe na poblachd airson teirm dhe ceithir bliadhna.
  • Cha b’ urrainn dhan cheann-suidhe dà theirm fhaighinn ri chèile.
  • Casg air a’ cheann-suidhe, neo duine sam bith san àite aige, an dùthaich fhàgail fhad’ s a bhios e na dreuchd gu ruige bliadhna an a dhèidh, gun chead an t-Seanaidh.
  • Atharrachadh a’ chinn-suidhe gach ceithir bliadhna.
  • Soilleireachadh dleastanasan a’ chinn-suidhe nuair a bhios cogadh thall thairis neo ùpraid anns an dùthaich ann.
  • Ath stèidheachadh na Co-chruinneachaidhean Roinneil
  • Stèidheachadh na roinnean Atlántico agus Norte de Santander

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Liosta cinn-suidhe na dùthcha


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: