Rufino Cuervo y Barreto

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Rufino Cuervo y Barreto
Rufino Cuervo y Barreto sketch.jpg
Beatha
Breith Tibirita, 28 dhen Iuchar 1801
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 21 dhen t-Samhain 1853
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B’ e Rufino Cuervo y Barreto neach-poileataigs, fear-lagha agus neach-aithris à Coloimbia,[1] a rugadh ann an Tibiritá, Cundinamarca 28 an t-Iuchar 1801, agus a chaochail ann am Bogotá, 21 an t-Samhain 1853. Dh’ionnsaich e lagh aig a’ Cholaiste Rosario, ann am Bogotá. A bharrachd air sin, fhuair e deagh fhoghlaim aig Oilthigh Cauca cuideachd.[2] An dèidh sin thòisich e anns a’ bheatha poblach, anns a’ chiad dol a-mach mar sheirbheiseach-stàite aig Rùnaireachd a’ Mhaoineachaidh agus an uair sin mar bhall pàrlamaid agus Probhaist Bhogotá. ‘S e Rùnaire a’ Mhaoineachaidh agus tosgair ann an Eacuador a bh' ann rè a’ chinneas aig Pedro Alcántara Herrán. Bha e na thagraiche airson a’ chinneas ann an 1845, agus fhuair e an treas àite; ged nach do thaghaich am mòr-dhàil e o chionn 's nach robh mòr-chuid aig duine sam bith, chaidh e a roghainn mar leas ceann-suidhe, agus an Seanailear Tomás Cipriano de Mosquera mar cheann-suidhe.[3]

B’ fheudar dhàsan ceannas na Poblachd a fhaighinn eadar 14mh an Lùnasdal agus 14mh an Dùbhlachd 1847, leis gu robh an Seanailear Mosquera às an làthair. Ann an 1849 sheas e airson a’ chinneas a-rithist, fhuair e an treas àite a-rithist, ach b’ fheudar dhan Mhòr-dhàil an gnothach a dhèanamh a-rithist, is iad a’ taghadh eadar na triùir tagraichean a fhuair an taic na bu treasa. Chaidh tagrasan an t-Seanaileir José Hilario López (Pàrtaidh Libearalach Choloimbia), an t-seann mhinisteir Joaquín Gori agus Cuervo (an dithis sin bhon a’ Phàrtaidh Tòraidh Choloimbia) a sgrùdadh leis a’ Mhòr-dhàil agus mu dheireadh thall, an dèidh fhìor dhroch chòmhstri eadar na daoine aig López agus an fheadhainn aig Cuervo (Ghèill na daoine aig Gori), chaidh López a thaghadh.

Bha e an sàs anns na pàipearan-naidheachd bho na 1820an gus an do bhàsaich e. Phòs e Dolores Urisarri, agus thug dithis dhen chuid chloinne aca pàirt anns an eachdraidh poileataigeach (Antonio Basilio Cuervo) agus cultarail (Rufino José Cuervo) na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oilthigh Cauca
  3. Leabharlann Luís Angel Arango