Jump to content

Bartolomé Calvo

O Uicipeid
Bartolomé Calvo
Beatha
Breith Cartagena de Indias, 24 dhen Lùnastal 1815
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Quito, 2 dhen Fhaoilleach 1889
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Mhagdalena
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, dioplomat, neach-lagha agus neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B' e neach-poileataigs, clò-bhuailtear, fear-lagha, neach-aithris, riochdaire dioplòmasach agus Ceann-suidhe Choloimbia bho 1 an Giblean 1861 gu ruige 18mh an t-Ògmhios an aon bhliadhna[1] a bha ann am Bartolomé Calvo Díaz de Lamadrid (Cartagena de Indias, 24 an Lùnasdal 1815Quito, Eacuador 20mh am Faoilleach 1889) . Bha an teirm aige annasach o chionn 's gu robh cogadh sìobhalta ann agus oir nach robh e ga thaghadh gu deamocratach.

Beatha ron a’ Cheannas

[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a bha e na neach-aithris dh’obair e ann an caochladh phàipearan-naidheachd agus meadhanan eile mar "La Civilización", agus "La República". ‘S e riochdaire "Diario del Istmo" ann am Panama a bh' ann. Fhuair e dreuchdan anns a’ bheatha poblach an siud, mar ball pàrlamaid, riaghladair agus Rùnaire na Stàit Phanama. Ann uair sin, bha e na thagraiche gu Riaghaltas na Roinne Bolívar. Mu dheireadh thall chaidh e a thaghadh na Mhorair Tagraiche na Nàisein, agus bho an siud thug e a làmh air ceannas na Poblachd.

Ceann-suidhe na Poblachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Shuidhe e anns a’ chathair mar Mhorair Tagraiche ann an 1859, aig àm Riaghaltas companach a’ phàrtaidh aige Mariano Ospina Rodríguez. Bha an ceannas falamh oir nach b’ urrainn dha na taghaidhean a dhearbhachadh 31mh am Màrt 1861, leis gu robh an dithis neach-ainmichte air dhìth. Mar sin, shuidhe Calvo anns a’ chathair mar cheann-suidhe 1 an Giblean 1861.

Bha coltas anabarrach aig a theirm goirid dhe trì mìosan gu leth air sgàth gu robh cogadh sìobhalta ann, agus chuir na Feachdan Libearalach ruaig air a’ Cho-chaidreachas Ghranada. Thug an Seanailear Tomás Cipriano de Mosquera sealbh air a’ bhaile.

Beatha an dèidh a’ cheannais

[deasaich | deasaich an tùs]

An dèidh a bhith na Mhorair Tagraiche na Stàite, dh’fhàilnich e a dh’fhuirich os cionn an Riaghaltais, agus chaidh e a chur an greim còmhla ris na bràithrean aig Mariano Ospina Rodríguez. Theich e às a phrìosan ann am Bocachica agus ràinig e Eileanan a’ Chairibianach, far an robh e na chlò-bhuailtear is na fhear-lagha.

Thill e dhan dhùthaich anns na 1870an agus bha e na thagraiche a’ chinneas anns na taghaidhean dhe 1876. Cha d’fhuair e ach dà bhòt, bho na stàitean Tòraidh dhe Tolima agus Antioquia. Bhuannaich Aquileo Parra Gómez an taghadh.

Chaidh e do Ghuayaquil an uair sin, far an robh e os cionn chompanaidh naidheachd. Mu dheireadh thall dh’ainmich Rafael Núñez tosgair sònraichte y ministear làn-ùghdarach gu Eacuador e, dreuchd a rinneadh e gus a bhàs, 20mh am Faoilleach 1889[2].

Tha an Leabharlann Bartolomé Calvo anns a' bhaile aige fhèin, Cartagena de Indias.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Liosta cinn-suidhe na dùthcha
  2. Leabharlann Luis Angel Arango
  3. Centro cultural de Cartagena”. La Red Cultural del Banco de la República. Air a thogail 20mh dhen Fhaoilleach 2019.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: