César Gaviria Trujillo

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
César Gaviria Trujillo
César Gaviria, World Economic Forum on Latin America 2009.jpg
Tosgair


ball Seòmar Riochdairean Choloimbia


Sgìre: Risaralda
28. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1990 - 7 dhen Lùnastal 1994
Virgilio Barco Vargas - Ernesto Samper
Àrd-rùnaire Buidheann nan Stàitean Aimeireaganach

1994 - 2004
João Clemente Baena Soares - Miguel Ángel Rodríguez Echeverría
Beatha
Breith Pereira, 31 dhen Mhàrt 1947
Dùthaich  Coloimbia
Foghlam
Foghlam Oilthigh nan Andes
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-poileataigs agus eaconamaiche
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

’S e Riochdaire Dioplòmasach, eaconomaiche agus neach-poileataigs à Coloimbia a th’ ann an César Augusto Gaviria Trujillo (IPA:θesaɾ auˈɣusto ɣaˈβiɾja tɾuˈxiʝo, Pereira, 31 an Cèitean 1947).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1990 gu ruige 1994. Phòs e aig Ana Milena Muñoz Gómez à Pereira ann an 1978 agus rug i dithis duine-cloinne dha.[2] 'S e boireannach uabhasach beairteach a bhuineas do theaghlach malairteach a th’ innte. An dèidh an oithigh fhàgail, bha Gaviria na dheasaiche aig a' phàipeir-naidheachd La Tarde ann am Pereira fhèin. Tha ainneart na dùthcha air buaidh mhòr a thoirt air na Gaviria: chaidh a bhràthair a thoirt am bruid le ceannarcaich ann an 1996[3] agus chaidh a phiuthar a mharbhadh ann an 2006.[4]

‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann an Gaviria Trujillo agus tha e air a bhith an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann am Pereira ann an 1970, nuair a bha e dìreach 23 bliadhna a dh'aois. Chaidh a thaghadh na bhall-pàrlamaid ann an 1974 agus bha e na ionmhasair eadar 1986 gu 1987 agus na Rùnaire na Dùthcha bho 1987 gu ruige 1989 fo Virgilio Barco Vargas. Bha Gaviria Trujillo gu math dlùth air Luis Carlos Galán, a chaidh a mharbhadh ann an Soacha le Pablo Escobar ann an 1989.[5] Theab Escobar Gavria a mharbhadh cuideachd nuair a chuir na daoine aige boma air pleàna, ach cha do deach Gavria air.[6] Nuair a bha Gaviria na cheann-suidhe rinn a mòran an aghaidh luchd-reic dhrogaichean ann am Medellín agus Cali: chaidh Pablo Escobar dhan phrìosan (ann an Envigado) agus chuir am Poileas gu bàs e nuair a theich e. A thuilleadh air sin, chuir Gaviria Bun-reachd ùr an gnìomh.[7]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Colombia
  2. NY Times
  3. Semana
  4. El Pais
  5. BBC
  6. Noticias Caracol
  7. Educando