Jump to content

José Vicente Concha

O Uicipeid
José Vicente Concha
ambassador of Colombia to Italy (en) Translate


13. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1914 - 7 dhen Lùnastal 1918
Carlos E. Restrepo Restrepo - Marco Fidel Suárez
Beatha
Breith Bogotá, 1867
Dùthaich  Coloimbia
Bàs An Ròimh, 8 dhen Dùbhlachd 1929
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Teaghlach
Cèile Elvira Cárdenas (en) Translate
Clann
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-lagha agus neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B e fear-lagha, neach-poileataigs, eòlaiche-lagha agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bha ann an José Vicente Concha Ferreira (Bogotá, 1867An Ròimh, 1929). ‘S e ball a’ Phàirtidh Thòraidh a bh’ann, agus bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1914 agus 1918. [1][2] ‘S e mac José Vicente Concha Lobo (fear-poileataigs agus fear-teagaisg tòraidheach, a stèidhich an Oilthigh Pío Nono) agus Adolfa Ferreira a bh’ann.

‘S e fear-lagha agus riochdaire dioplòmasach a bh'ann, bha e na Riochdaire anns a’ Phàrlamaid ann an 1898 airson Bhogotá agus Ministear a’ Chogaidh ann an 1901. Chaidh e a dh’ainmeachadh tosgair dha na Stàitean Aonaichte ann an 1902. Shabaid e an aghaidh còrdadh leis an dùthaich sin, oir bha esan dhen bheachd gur robh e gnothach ceàrr do Choloimbia agus le sin thill e chun na pàrlamaid aig deireadh an ann aon bhliadhna. Sheas e mar thagraiche airson a’ chinneas ann an 1910, ach chaill e gu tagraiche a ‘ phàirtidh Unión Republicana Carlos E. Restrepo Restrepo anns a’ Chòmhdhail Nàiseanta. Ach mu dheireadh thall, is le taic bhon a’ Phàrtaidh Libearalach, le Rafael Uribe Uribe os a chionn, ghabh e an ceannas os làimhe airson an teirm eadar 1914 agus 1918, a’ cur ruaig air, Nicolás Esguerra. Chaochail e nuair a bha e na thosgair thall anns an Eadailt.

Seanadair na Dùthcha

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e na riochdair neo na sheanadair ann an caochladh teirm an Riaghaltas, is fhuair e deagh chliù airson an dòigh cho fosgarra is cho soilleir a mhìneachadh e na beachdan air an robh e dèidheil, agus air sgàth gu robh e uabhasach briathrach is impidheach. ‘S e a chuid òraidean a rinn e anns a’ Chòmhdhail ann an 1898 agus na tachartasan a dh’adhbharaich crìoch Riaghaltas an t-Seanalair Rafael Reyes a th'ann an fheadhainn na bu chliùitiche aige.

Thachair cùis gu math anabarrach nuair a bha esan os cionn an Riaghaltais. Ghoid seirbheiseach chatharra gu foilleil pàipearan air an robh "bannan Coloimbianach", airson am fiach mòr dhe 130 000 peso ann an òr, air an tugadh a-mach à Oifis a’ Chreidis Phoblach (Spàinntis: Oficina de Crédito Público) a bha fo stiùireadh Cordovez. Nuair an do deach an eucoir sin fhoillseachadh, b’ fheudar dha sealbhadairean nan bann, gan toirt air ais chun na poileis, is le sin chaill iad uile an cuid airgead an seilbh. Ceannaich iad na bonos gun fhiosta gur e cùis foille a bh’ann

Chuir caraidean nan ìobairteach anns a’ Chòmhdhail bile air dòigh, is iad ag iarraidh gum pàigheadh an nàisean an t-airgead air dhìth air ais dha luchd-cheannaich nam bann. Bha iad dìreach air leughadh an teagsa agus an treas deasbad gus an lagh ùr sin ga sgrìobhadh anns an reachdas, nuair a mhìnich Cordovez dha Concha gur e fìor dhroch bhuaidh a rinneadh an co-dhùnadh air maoineachadh na dùthcha. Chaidh aig Concha air "am pròiseact maslach"(Spàinntis: El proyecto malhadado) a dhiùltadh la aon ghuth ann an ùine ghoirid agus mus do deach am bile a sgrìobhadh anns an reachdas.

Sàr Òraidiche

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e uabhasach cliùiteach airson a chuid òraidean a rinn anns a’ phàrlamaid. Shabaideadh e an aghaidh an t-Seanalair Rafael Reyes, is thuirt e gur e "Còig bliadhna gràineil" (19041909) a bh'ann ann teirm aigesan. Dh’fhàs na briathran sin gu math ainmeil ann an litreachas poileataigeach na dùthcha. Seo deagh eisimpleir an dòigh labhairt a bh'aige, bo òraid a rinn e anns a’ Chòmhdhail ann an 1909, dìreach an dèidh do Reyes an Riaghaltas a leigeil is an dùthaich fhàgail gu saor-thoileach:

"Ach a’ Labhraiche a’ Chòmhdhail, chan e an Seanalair Reyes an aon duine a tha ciontach: ‘S dòcha gum bu chòir dhomh a ràdh nach e an eucorach nas cudromaiche a th'ann an Seanalair Reyes co-dhiù. Airson na cleachdaidhean aig gach uile fear anns a’ bheatha phoblach a thuigsinn, feumaidh sinn an saoghal far a bheil a ‘ fuireach is an èadhar a tha mu a thimcheall a thuigsinn. Agus, air adhbharan spìocach neo-onorach, ‘s e faireachadh dhe brosgal cealgach a tha mu thimcheall an t-Seanalair Reyes, mar sgòth làn bhreugan is cealgaireachd, is dhùin a h-uile càil a chuid shùil le mòran làimhe, is chuir iad sgàil mòr air na sùilean aige. Is mar sin, dall, bodhar, air mhisg leis na luaidhean meallach, rinn e ceum air cheum dhan ghlòm is thuit esan chun an t-sluic gun ìochdar, is an uair sin dh’fhalbh na gillean-cheann-doill a thilg gu domhainn e is iad a’ gabhail air gu bheil iad air an oillteachadh, agus iad a’ dèanamh ùpraid is a’ toirt tàmailt air an duine a bha mar iodhol dhuibh dìreach an-dè. Seo, a’ labhraiche, cleachdaidhean nan strìopaich is nan brosgalair, beus nan cluainire bho’n bhon-dhè, is tha ainm air a shon ann an Spàinntis nach chanainnsa a-rithist an seo".[3]

Tosgair anns na Stàitean Aonaichte

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh e a dh’ainmeachadh na thosgair gus na Stàitean Aonaichte leis an Riaghaltas aig Marroquín, far an robh e na air a bhith na mhinistear a’ chogaidh ro làimhe dìreach mus do chaill Coloimbia Panamá, is an dùthaich a’ dòrtadh na fala leis gu robh Cogadh na Mìle Làithean ann. Thug e an cead oifigeil aige dhan na h-ùghdarrasan air an 8mh latha dhen Chèitean 1902 an àite Charlos Mhartínez Shilva, a chuir Marroquín air falbh is e na chabhaig.

Nuair a bha e ann an Washington D.C. b’ fheudar dhàsan chur an aghaidh gu fosgailte an t--iarrtas a chuir Marroquín chun an Riaghaltais an siud airson feachdan na Stàitean Aonaichte a thoirt gu Panama (a-rèir a’ Chòrdaidh Mallarino-Bidlack, dhe 1846), nuair a bha na feachdan Libearalach, nàimhdean Riaghaltas nan Tòraidheach, a’ cur ruaig air feachdan an Riaghaltais. A dh’aindeoin sin, chaidh saighdearan na Stàitean Aonaichte gu tìr ann an Coloimbia mu dheireadh thall.

Leig Concha a dreuchd air an 28mh latha dhen Shamhain sa bhliadhna sin fhèin.

Ceann-suidhe na Dùthcha

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh e a thaghadh mar cheann-suidhe airson teirm dhe ceithir bliadhna a thoisich ann an 1914. Aig an toiseach tòisichidh bha e fo fhaileas an ceann-suidhe mu dheireadh, Carlos Eugenio Restrepo, a bha cho còrdte nuair a leig e a dreuchd. Tha e gu math inntinneach gun do dh’ainmiche e, nuair a chuir e an caibineit aige air dòigh,an t-àrd shagart Carlos Cortés Lee mar mhinistear an Fhoghlaim Phoblaich, dìreach mar a rinn Miguel Antonio Caro Tovar ann an 1894, a dh’ainmich an t-àrd-shagart Rafael María Carrasquilla dhan aon dhreuchd. Rinn e sin air sgàth gu robh uaidh mhòr aige air an fheallsanachd Chaitligeach a theagasg chun an t-sluaigh.

Dh’ obair e gu dlùth le riochdairean nam Libearalach agus ceannardan dà bhuidheann sgarte a’ Phàirtidh Thòraidh, ged a dh’fhàgadh air gun do lughdaich e mòran dhe com-pàirteachadh nam Libearalach ann am poileataigs gus ceannas nan Tòraidh a dhaingneachadh. Lughdaich e tòrr dhe com-pàirteachadh nam Libearalach anns na còmhairlean is aig ìre nan Riaghladaire, rud a dh’adhbharaich tòrr chòmhstri eadar an dà phàrtaidh.

Fhuair e taic mòr anns a’ Phàrlamaid nuair a cho-dhùin e co-dheasachd na dùthcha a chumail aig àm a’ Chogaidh Mhòir, a thoisich o chionn ghoirid anns an Roinn Eòrpa. Rinn an cogadh sin thall thairis crom mòr air an dùthaich, is dh’fhàs suidheachach fiosgail na dùthcha uabhasach iom-fhillte. B’ fheudar dhan Chomhdhail rudan anabarrach a dhèanamh, mar an lagh àireamh 25 air a’ chiad latha dhen Shultain 1914. Bha geàrraidhean làidir taobh cosgais gun fheum anns an Riaghaltas aig cridhe a’ chuilbheart aige, is chuir e dail air feadhainn eile is air na h-iasdan nàiseanta, is esan gan cumail fo smachd.

Nuair a bha e os cionn an Riaghaltais chaidh ceannard nam Libearalach Rafael Uribe Uribe a mharbhadh, air an 15mh latha dhen Dàmhair 1914. Thug esan taic dhàsan mar thagraiche a’ chinneas corra bhliadhna ro làimhe.

A bharrachd air sin, stèidhich e cìsean air caochladh chleachdaidhean agus air iomadh seòrsa dhe bhathair, is e a’ gabhail cuimse air piseach a chur air comas eaconomachd an Riaghaltais, ri dhèiligeadh leis an t-suidheachadh dòrainn sin. Cho-dhùin e dreuchdan poblach a chur às neo a rach an aon, lughdaich e tabhartas-airgid na h-obrach poblach is thug e na feachdan armachd a-nuas cuideachd. Bhuail sin air obair carthannas agus air an fhoghlam. ‘S e rud a chuir maille air ath-bheothachadh luath anns an eaconomaidh a bh'ann an cogadh mòr, o chionn 's gun do rinn sin crom mòr air leasachadh na malairt, a bha gu math crochte air na dùthchannan eile, gu seach àraidh anns na dùthchannan beartach. Chuir e stad air an creideas eadar-nàiseanta. Fhuair luchd-mhalairt na dùthcha draghan mòra gus na dleastanasan marsanta a rinn iad ron a’ chogadh a thoirt gu buil. A bharrachd air sin, bha an gnothach gu math doirbh air sàilleabh piseach ann am prìsean a’ chòmhdhail agus a’ bhathair is draghan an t-suidheachaidh anns a’ chumantas. Chleachd an Riaghaltas bileagan fianais an Ionmhais mar dòigh rèiteachaidh le iasdaichean na nàisein, far am b'urrainn dha, airson an eaconomaidh a chumail ann an deagh stàit.

Mu dheireadh thall, b’ fheudar dhàsan a chur an aghaidh toradh samhradh ro theth agus plàigh dhe locastan a rinn droch mhilleadh. Rinn Concha rud a bha làn ghràdh-dùthcha: dhiùlt e iasdan bho thall thairis fhaighinn, oir bha e dhen bheachd gum biodh an ceum sin na bu fheàrr taobh uachdaranachd na dùthcha a chumail beò aig àm cho doirinn air feadh na cruinne. A dh’aindeoin sin, chuir e adhartas gu corra obrach phoblach a thoisich fo Riaghaltasan ro làimhe, mar loighnichean an trèana, Togalach an Riaghaltais Nàiseanta, an dealain-spèid chun na Caquetá agus a cheangail Bogotá gu Arauca. Taobh na crìochan, chuir e ainm gus a’ Chòrdadh Suárez-Muñoz Vernaza, ann an t-Iuchar 1916, a stèidhich crìochan na dùthcha le Eacuador.

Dh’fhàs na fianaisean-dhùbhlain shòisealta na bu mhiosa nuair a bha Concha os cionn an Riaghaltais, gu seach àraidh air sgàth gum b’ fheudar dhan Riaghaltas aige ceumannan eaconomach cruaidh a chur air dòigh. Dh’adhbharaich sin, agus gràin nam Pàrtaidh a bha gu math làidir aig an àm, ùpraid maireannach.

Thachair ùpraid is aimhreit eadar na Tùsanaich, na Croitearan bochda agus na h-Uachdaran ann an corra àite, gu seach àraidh ann an Cauca agus ann an Huila, mòran dhuibh fo stiùireadh Manuel Quintín Lame.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Presidencia de Colombia
  2. Leabharlann Luis Angel Arango
  3. Teags Tùsail:

    Pero señor Presidente del Congreso, el general Reyes no es el único que delinquió: Quizá pudiera yo decir que el general Reyes no es el principal delincuente. Para apreciar la conducta de cualquier hombre público, hay que tener presente la atmósfera en que vive, el aire que lo rodea. Y al general Reyes, por móviles interesados, por motivos innobles, se le rodeó de una atmósfera de embustera adulación, de una nube de mentira y engaño, y se le cerraron los oídos con muchas manos, y se le cubrieron los ojos con muchas vendas. Y cuando así, ciego, sordo, embriagado de lisonja, fue paso a paso al abismo y cayó en su fondo, que apenas se puede sondear, los lazarillos que allí le llevaron se retiran fingiéndose pasmados, y se escandalizan y truenan en insultos contra su ídolo de ayer. Eso, señor presidente, esa conducta de los cortesanos y aduladores, ese proceder de los cómplices del día anterior, tiene un nombre en castellano que no quiero repetir aquí".