Santos Gutiérrez Prieto

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Santos Gutiérrez Prieto
Santos Gutiérrez 1.jpg
Beatha
Breith El Cocuy, 24 dhen Dàmhair 1820
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 6 dhen Ghearran 1872
Foghlam
Foghlam Oilthigh Nàiseanta Colombia
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Nàiseanta Choloimbia
Strì Cogadh nan Àrdanach
Cogadh Catharra Choloimbia
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B' e Santos Gutiérrez Prieto (El Cocuy, Boyacá, 24 an Dàmhair 1820 - Bogotá, Cundinamarca, 6 an Gearran 1872) stàitire, saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia.[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha bho 1868 gu 1870. Fhad 's a bha e os cionn an Riaghaltais chaidh am Foghmal Poblach a bhrosnachadh, chaidh na crìochan le Braisil a stèidheachadh agus chaidh a' chiad cumhnant airson a' Chanail eadar an dà chuain tro Chaolas a' Panama a rèiteachadh.[2][3]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann an El Cocuy (Boyaca), 24mh an Dàmhair 1820 agus chaochail e ann am Bogotá, 6mh an Gearran 1872. ' S e stàitire agus saighdear a bh' ann, agus b' e fear dhe na laoich radaigeach a dhìon a' Phàrtaidh Libearalach ann an Coloimbia agus na Riaghaltasan aig an Olimpo Radical le spiorad gaisgeach sìobhalta.

Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an taigh ann an El Cocuy, agus an uair sin aig an àrd-sgoil Boyacá de Tunja. An dèidh sin dh'ionnsaich e lagh aig an Oilthigh Central, ann am Bogotá.

Chaidh e a chur an greim còmhla ri buidheann dhe na càirdean aige agus ga fhastadh le airm an Riaghaltais, ga chur gu rèisimeid dhe shaighdearan ùra airson a' Chogaidh Sìobhalta, agus le sin bha e an sàs ann an Còmhrag an Tuatha an aghaidh na guerrillas dùbhlanach; 's e saighdear an Riaghaltais a bh' ann.

An dèidh a' bheatha sin fo armaibh rè na 1840an, b' urrainn dha crìoch a chur air a chuid fhoghlaim aig an Oilthigh Central agus thug e ceum anns an Lagh 28mh an t-Samhain 1845. An ceann dà bhliadhna, 1 9mh an Giblean 1847, chaidh e a dh'ainmeachadh Fear Lagh le àrd-chùirt a' cheartais.

Shabaid Santos Gutiérrez an aghaidh an Deachdaire José María Melo ann an 1854. Dh'aontaich e ris na feachdan laghail agus thug e pàirt gu sgafanta anns na cathan aig Tierra Azul (neo Cordonal) agus aig Pamplona, agus an uair sin bha e an sàs anns a' chòmhstri airson Bogotá, is iad a' cur ruaig air na feachdan aig Melo.

Bha e an làthair aig a' Cho-chruinneachaidh ann an Rionegro, far an do deach am Bun-Reachd dhe 1863 a ghabhail ris. Mar sin, bha Stàit fheadarail fon ainm dhe Stàitean Aonaichte Choloimbia a chur air bhog, a mhair gu ruige 1886.

Ceann-suidhe na dùthcha[deasaich | deasaich an tùs]

Dìreach an dèidh sin, chaidh Gutiérrez a dh'ainmeachadh na àrd sheanailear feachdan armachd na Stàitean Aonaichte Coloimbia. Aig deireadh 1863, chaidh e a thaghadh mar Cheann-suidhe na Stàite Bhoyacá, agus an ath bhliadhna, ceann-suidhe na Stàite Chundinamarca cuideachd. Leasaich e na Colaistean dhe San Bartolomé agus Rosario agus stèidhich e an Colaiste Lazareto de Agua de Dios. Thill e chun an t-Seanaidh ann an 1865 agus an uair sin chaidh e air turas dioplòmasach dhan Roinn Eòrpa.

Leig esan Ceannas na Poblachd ann a 1870, nuair a thug an teirm aige gu ceann, agus dh'ainmich am Mòr-dhàil Nàiseanta e na neach-ainmichte ùr. Chaochail e air an oighreachd aige, ris an canadh La Primavera, dlùth air Guaduas (Cundinamarca) an an 1872.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Oifis a' Chinn-suidhe

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)