Neach-ainmichte (Coloimbia)
'S e fear neo tè - ball an t-seanaidh neo ball a' chaibineit a-mhàin - ga thaghadh airson dreuchd a' Chinn-suidhe a dhèanamh nuair a bhiodh esan air dhìth, tinn, marbh neo ga chur bho fheum, fo Bhun-reachd Choloimbia dhe 1886, a tha ann an Neach-ainmichte (Spàinntis: Designado). Bha an siostam sin uabhasach cudromach ann an dùthaich far an robh e glè dhoirbh dha na luchd-poileataigs a' phrìomh-bhaile a ruigsinn leis cho gann 's a bha deagh mhodhan-ghiulain. Mar eisimpleir, anns an nobhail 100 bliadhna dhe uaigneas le Gabriel García Márquez (1967), thug litir le fiosrachadh inntinneach bho Mhacondo, ann an ceann an tuatha na dùthcha, tòrr bhliadhna airson Bogotá a ruigsinn.[1]
A bharrachd air sin, bha an Seanaid airson a' chinn-suidhe fo smachd, leis gun do chleachd iomadh cheann-suidhe an dreuchd aca mar dheachdaireachd, mar eisimpleir Rafael Reyes ann an 1904[2]. Tha Coloimbia air tòrr chogadh sìobhalta a fhulang, is le sin b' fheudar dha iomadh cheann-suidhe na feachdan armachd a stiùireadh air an dùthaich, mar eisimpleir Pedro Alcántara Herrán ann an 1841[3]. Thaghadh an Seanaid an neach-ainmichte aige dìreach aig toiseach tòisichidh gach uile Bliadhna reachdail, ged an robh an ceann-suidhe fhèin ga thaghadh leis an t-sluagh airson teirm dhe ceithir bliadhna. Seo Artagail 77 Bun-reachd Choloimbia dhe 1886, a mhìnicheas an siostam[4]
Artagail 77.- Thaghaidh am Mòr-dhàil, anns na coinneamhan coitcheann aige agus airson dà bhliadhna, an neach-ainmichte a ghabhas a làmh air a' Cheannas, ma bhios an Ceann-suidhe agus an leas ceann-suidhe air dhìth.[5]
Mhair an dreuchd dhe neach-ainmichte am broinn Bun-reachd na dùthcha gu ruige 1991, nuair a nochd an dreuchd dhe leas ceann-suidhe làidir a-rithist.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ García Márquez, Gabriel (1967): Cien años de soledad. Buenos Aires: Editorial Sudamericana, td. 4. ISBN 84-376-0494-X.
- ↑ “General Rafael Reyes Prieto”. Presidencia de la República de Colombia. Air a thasglannadh [o http://web.presidencia.gov.co/asiescolombia/presidentes/39.htm] 31mh dhen Dàmhair 2013. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ “General Pedro Alcántara Herrán”. Presidencia de la República de Colombia. Air a thasglannadh [o http://web.presidencia.gov.co/asiescolombia/presidentes/08.htm] 31mh dhen Dàmhair 2013. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ “Constitución de 1886”. Biblioteca Virtual Miguel de Cervantes. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ El Congreso elegirá en sus reuniones ordinarias y para un bienio, el Designado que ha de ejercer el Poder Ejecutivo a falta de Presidente y Vicepresidente.