Jump to content

Carlos Lemos Simmonds

O Uicipeid
Carlos Lemos Simmonds
Minister of the Interior of Colombia (en) Translate


Ministear Chùisean Cèin Choloimbia


Vice President of Colombia (en) Translate

19 dhen t-Sultain 1996 - 7 dhen Lùnastal 1998
Humberto De la Calle (en) Translate - Gustavo Bell (en) Translate
Ceann-suidhe Choloimbia

12 dhen Fhaoilleach 1998 - 24 dhen Fhaoilleach 1998
Ernesto Samper - Ernesto Samper
Beatha
Breith Popayán, 23 dhen Dàmhair 1933
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 30 dhen Iuchar 2003
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (aillse an sgamhain)
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Chauca
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, dioplomat, neach-poileataigs agus neach-lagha
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B’ e Carlos Apolinar Lemos Simmonds (Popayán, 23 an Dàmhair 1933Bogotá, 30 an t-Iuchar 2003) fear-lagha, neach-poileataigs, ùghdar, riochdaire dioplòmasach agus neach-aithris à Coloimbia, a bha na leas cheann-suidhe na dùthcha nuair a leig Humberto de la Calle an dreuchd aige agus an uair sin na cheann-suidhe na dùthcha fad dà latha deug ann an 1998, nuair a bha Ernesto Samper às an làthair, o chionn 's gur robh e gu math tinn.[1][2]

Beatha Pearsanta

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann am baile Popayán air an 23 latha dhen Dàmhair 1933, is e dotair agus riochdaire dioplòmasach a bh’ann athair, Antonio José Lemos Guzmán. Bha athair na reachdadair aig an Oilthigh a' Chauca agus na thosgair anns an t-Sile. ‘S e María ("Maruja") Simmonds a bh’ann a mhàthair, agus chaochail ise nuair a bha i òg, ga leigeil na thàcharan.

Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an sgoil Champagnat ann am Popayán. Ann uair sin rinn e na deuchainnean àrd-ìre aig an Oilthigh na Cauca, far an tug e ceum ann an lagh mu dheireadh thall.[3]

Phòs e Maria Victoria Pérez, is fhuair iad ceathrar duine chloinne còmhla fad 25 bliadhna dhe pòsadh. A dh’aindeoin sin, ‘ s e an dàrna tè a bh’aige, Martha Blanco, anns an robh e trom ann an gaol co-dhiù.[4] Choinnich e nuair a bha iad an sàs anns an iris Consigna i.

Beatha ann am Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

An dèidh a chuid fhoghlaim fhaighinn, fhuair e dreuchd mar Bhreitheamh a’ bhaile ann am Piéndamo, ann an Cauca. An uair sin chaidh e gu Bogotá, far an toiseach e ann an poileataigs mar chomhairliche a’ phrìomh-bhaile, aig toiseach na 1970an, far an d’fhuair e trì teirmean agus le sin b’ urrainn dha àite anns a’ phàrlamaid fhaighinn. Bha Lemos na Rùnaire Coitcheann Ceannas na Poblachd anns an Riaghaltas aig Julio César Turbay Ayala, agus an uair sin na Mhinistear na Dùthchannan Cèin, na Ministear a’ Conaltraidh, na Ministear an Riaghaltais agus na Ministear a’ Cheartais.[5]

Chaidh e a dh’ainmeachadh mar Thosgair na dùthcha dha na OEA, anns an Ostair, ann am Breatainn, Seanadair, leas cheann-suidhe agus, mu dheireadh thall, ceann-suidhe na dùthcha fhèin. B’ fheudar dhàsan an ceannas a ghabhail os làimhe fad naoi latha nuair a bha Ernesto Samper os cionn an Riaghaltais. Bha Lemos air àite an leas cheann-suidhe ro làimhe fhaighinn, Humberto de la Calle, o chionn 's gun do leig esan an dreuchd agus oir bha Samper fhèin cho tinn gum b’ fheudar dha an ceannas a leigeil gu sealach.

Rinn e iomadh rud airson na dùthcha. Mar bhall Coimisean Comhairleachaidh na Dùthchannan Cèin chuidich e leis ann iomairt an aghaidh Niocaragua a bha a’ tagradh na h-eileanan Coloimbianach San Andrés y Providencia. Bha e an sàs anns an rèiteachadh a chruthaich còrdadh na Sìthe leis a’ Buidhne Guerrilla M-19 ann an 1990. Bha e na ball a’ Co-chruinneachaidh Bhun-reachdail Nàiseanta a sgrìobh Bun-Reachd ùr ann an 1991.

Ceann-suidhe eadar-amail na dùthcha

[deasaich | deasaich an tùs]

An dèidh do Lemos a bhith na cheann-suidhe eadar-amail, is nach mhair e ach naoi latha anns an dreuchd, fhuair an deagh pheinsean ceann-suidheil aige dubh chàineadh anns na meadhanan aig ìre nàiseanta o chionn 's cho goirid a bha an t-àm aige san dreuchd. Bhuail an càineadh sin bròg air Lemos agus mar a mhìnich e anns na còmhraidhean a rinn e leis na meadhanan an dèidh an ceannas a leigeil. Dhìonadh esan fhèin is e ag ràdh nach do dh’fhàs e beartach idir agus gur e dìreach aideachadh airson beatha fada ann an seirbheis na dùthcha a bh’ann am peinsean aige. Cho-dhùin Lemos urram ceannard na stàite a dhiùltadh an dèidh a bhàis, o chionn 's nach do lùghdaich na càinidhean sin idir.

Bhàsaich e anns an Ospadail El Country ann am Bogotá air an 29mh latha dhen Iuchar 2003 le aillse, aig seachdad bliadhna a dh’aois. Mar a dh’iarr esan fhèin, chaidh an duslach aige a chaoineadh ann an dòigh stuama dìreach anns an leabharlann a chruinnich e anns an taigh aige fhèin ann an ceann a tuath Bhogotá, is cha chuireadh urraman mar cheannard na stàite air.

Obair sgrìobhaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

A bharrachd air iomadh bliadhna ann an seirbheis na dùthcha, bha Lemos cuideachd an sàs ann an ag obair mar fhear-aithris, ùghdar agus seanachaidh. Sgrìobhadh e rè tòrr bhliadhna anns a’ phàipear-naidheachd El Espacio, far an robh colbh aige air an robh "Entre la Romana y el Pasaje" (Eadar a’ Bhana-ròmanach agus sealladh na dùthcha) is dh’fhàs e a bhith na leas dheasaiche a’ phàipeir. Mu dheireadh thall stiùireadh e an iris Consigna, a stèidhich Jorge Mario Eastman.

Sgrìobh e mòran leabhraichean ainmeil mu cheistean aithriseach mar “Memorias de un antigobierno” (Cuimhneachadh air ana-Riaghaltas), “El Estado Ladrón” (An Stàit na mhèirleach), “El Rescate de la moral” (A’ Sàbhaladh na Moraltachd), "Turbay, de la Base a la Cumbre" (Turbay, bho thoiseach gus an àrd-choinneamh) agus "Santander". Bha colbh dhe bheachdan aige anns a’ phàipear-naidheachd El Tiempo, agus dh’fhoillsich e artaigilean anns an iris Revista Diners. A tuilleadh air sin, steidhich e am pàipear-naidheachd "Diario Liberal".

Programan air an telebhisean

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e os cionn prògraman aithriseach air an telebhisean mar “Mesa de Café” (Bòrd a’ Chofaidh), “Debates Caracol” (Deasbadan Telebhisean Caracol) agus “Fuerza de la Historia” (Cumhachd an Eachdraidh).

‘ S e leughadair do-shàrachaidh a bh’ann, agus bha e uabhasach foghlaimte anns gach uile dòigh. A bharrachd air sin, sgrìobhadh e a-riamh ann an stoidhle brìghmhor taobh a’ chànain agus mhìneachadh e a chuid bheachdan le soilleireachd.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Oifis a’ Chinn-suidhe
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Oilthigh Cauca
  4. Marta Blanco/El Tiempo
  5. El País (Cali)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]