Jump to content

Julián Trujillo Largacha

O Uicipeid
Julián Trujillo Largacha
Ceann-suidhe Choloimbia

1 dhen Ghiblean 1878 - 8 dhen Ghiblean 1880
Aquileo Parra Gómez - Rafael Núñez Moledo
Beatha
Breith Popayán, 28 dhen Fhaoilleach 1828
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 18 dhen Iuchar 1883
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Chauca
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-lagha agus neach-poileataigs
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Nàiseanta Choloimbia
Ìre oifigeach coitcheann
Strì Cogadh Catharra Choloimbia
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B’e Julián Trujillo Largacha stàitire, fear-lagha, neach-poileataigs saighdear agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia[1]. Rugadh e ann am Popayán air an 28mh latha dhen Fhaoilleach 1828 agus chaochail e ann am Bogotá air an 18mhlatha dhen Iuchar 1883. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1878 agus 1880. Ged an tug e ceum anns an Lagh, thug an t-airm buaidh na bu treasa na a chuid trèanaidh laghail air a’ ghaisgeach sin. Shabaid esan, mar iomadh cheann-suidhe na dùthcha rè an 19mh linn, an aghaidh an deachdaire José María Melo, a thuilleadh air Riaghaltas A' Cho-chaidreachas Ghranada a bha aig Mariano Ospina Rodríguez. ‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich a bh' ann, agus bheireadh e pàirt ann am mòran cho-labhairte ri taobh na Libearalaich. Bha e na mhinistear na Stàite, Ceann-suidhe Stàit Fèin-Riaghlach A’ Chauca, ceannard sìobhalta agus armachd Stàit Fèin-Riaghlach na h-Antioquia a measg dreuchdan eile.[2][3]

Ceannas na Poblachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Ach gu dearbh, 's e leis gu robh Julian Trujillo os cionn na feachdan a chuir às na Tòraidhean a rinneadh ar-a-mach armachd rè a’ cheannais aig Aquileo Parra Gómez a cho neartaich an co-dhùnadh aige ri sheasamh mar thagraiche làidir gu Ceannas na Poblachd. Rinn Trujillo an gnothach gu math furasda air a’ cho-fharpaiseach na bu dhlùithe air, an Seanalair Tomás Rengifo, Riaghladair Stàit na h-Antioquia, leis gun do bhuannaich na feachdan aige Blàr los Chancos (Roinn Valle del Cauca an latha an-diugh). Tha e uabhasach cudromach gun do rinn Manuel Murillo Toro, seann cheann-suidhe agus ceannard nam Libearalach, dubh chàineadh air Trujillo mar thagraiche air sàilleabh gum biodh esan comasach air cus ghèilleadh a dhèanamh dha Núñez, agus le sin an cumhachd a thoirt dha na Tòraidhean, rud a mhilleadh na h-adhartasan a rinneadh na daoine radaigeach rè 25 bliadhnachan anns an Riaghaltas.

Agus le sin, thathar dhen bheachd gur e Trujillo a chur air gleus an t-slighe airson an Ath-Bheòthachaidh a chuir Rafael Núñez Moledo agus am Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia, air bhog eadar 1882 agus 1886.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Ángel Arango
  3. Oifis a' Chinn-suidhe

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: