José María Rojas Garrido

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
José María Rojas Garrido
José María Rojas Garrido.jpg
ball Seòmar Riochdairean Choloimbia


Ministear Chùisean Cèin Choloimbia


Ceann-suidhe Choloimbia

1 dhen Ghiblean 1866 - 22 dhen Chèitean 1866
Manuel Murillo Toro - Tomás Cipriano de Mosquera
Beatha
Breith Agrado, 7 dhen Ògmhios 1824
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 18 dhen Iuchar 1883
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, dioplomat, neach-poileataigs, neach-lagha agus britheamh
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B' e José María Rojas Garrido, a rugadh ann an Agrado (Huila) air an 7mh an t-Ògmhios 1824 agus a chaochail ann am Bogotá (Cundinamarca air an 18mh an t-Iuchar 1883), seanadair agus stàitire à Coloimbia.[1] ‘S e esan a’ chiad neach-ainmichte a fhuair Ceannas na dùthcha os làimhe ann an 1866 nuair a bha an ceann-suidhe ùr-thaghte, Tomás Cipriano de Mosquera, air dhìth. Bha e gu math ainmeil air feadh na dùthcha airson a chuid obrach anns na pàireanan-naidheachd Libearalach, agus thathar ag ràdh gur e fear dhe na òraideachean na b’ fheàrr a fhuair an dùthaich a-riamh. ‘S e ball a’ Phàirtidh Libearalach a bh’ann.[2][3]

Beatha anns a’ Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Bha eòlas farsaing aig José María Rojas Garrido aig gach ìre ann an saoghal a’ poileataigs, is esan ann sàs ann am poileataigs ionadail, roinnean agus nàiseanta, ann am pàrlamaid, anns an Riaghaltas aghus fiù ’s am broinn siostam an lagha.

Toiseach tòisichidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ghabh Rojas Garrido an Dotaireachd aige ann an eòlas-lagha ann an Colegio de San Bartolomé ann an 1847. An uair sin, ann an 1851, chaidh e a dh’ainmeachadh na riaghladair air an roinn Neiva leis a’ cheann-suidhe (agus deagh charaid aige) José Hilario López. Chaidh e a thaghadh chun na Seòmar nan Riochdairean ann an 1856, is e a’ riochdachadh an Stàit Uachdarain na h-Antioquia. An ceann greiseag fhuair e dreuchd mar Chargé d'affaires anns A' Bheiniseala nuair a bha José María Obando na cheann-suidhe.[4] Bha Rojas Garrido uabhasach dlùth air an t-Seanalair Mosquera, ‘s e deagh charaidean a bh’annta, agus chaidh Rojas Garrido a dh’ainmeachadh na Mhinistear na Dùthchannan Cèin ceithir tursan nuair a bha Mosquera os cionn an Riaghaltais. Bha e na Riaghladair na roinne Bhogotá ann an 1861 agus na Riochdaire ann an Còmhdhail na h-Antioquia ann an 1862. A bharrachd air sin, fhuair e an dreuchd mar Rùnaire na Dùthchannan Cèin air ais eadar 1862 gu ruige 1863, a turas sin le smachd air Ministrealachd a’ Chogaidh agus a’ Chabhalach. Thill e gus a’ Bheiniseala ann an 1864 mar Thosgair sònraichte agus Ministear Làn-Chumhachach, agus chaidh e a thaghadh chun an Àrd-Chùirte leis a’ Chòmhdhail nuair a thill e dhan dùthaich aigese fhèin.

Ceann-suidhe na dùthcha[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh an t-seann-cheann-suidh Tomás Cipriano de Mosquera a thaghadh dhan dreuchd a-rithist, ann an 1866. Chum an Còmhdhail taghaidhean bliadhnail airson luchd-ainmichte, air an 17mh an Gearran 1866. Chaidh José María Rojas Garrido ga thaghadh mar a’ chiad fhear, Santos Acosta Castillo an darna fhear, agus Marcelino Gutierrez an treas fear. Nan robh an ceann-suidhe laghail air dhìth, ‘s e an triùir sin a bhiodh nan luchd-ionlaid a’ Chinn-suidhe, leis gun do chuireadh às dhan dreuchd mar Leas-Cheann-suidhe. Chan e dreuchd sònraichte a bh’ann an tiotal sin, ach ghabh Rojas Garrido an ceannas os làimhe o chionns gu robh Mosquera fhèin anns an Roinn Eòrpa aig an àm. Le sin, s’e an treas ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte Choloimbia a bh’ann, gu ruige 22mh an Cèitean 1866 nuair a thill Mosquera dhan dùthaich is mhionnaich e a chuid bhòidean.

An dèidh a’ Chinneas[deasaich | deasaich an tùs]

An dèidh an cumhachd a thoirt air ais dhan Sheanalair Mosquera, Lean José María Rojas Garrido air am broinn an Riaghaltais mar chomhairliche a’ chinn-suidhe, is fiù ’s fhuair e turas eile na Rùnaire na Dùthchannan Cèin. Chaidh e a thaghadh mar Bhreitheamh anns an Àrd-chùirt ann an 1870, agus mu dheireadh thall sheas e mar thagraiche a’ chinneas ann an 1872, ach rinn Manuel Murillo Toro a’ chùis air. Bha e an sàs anns an Àrd-chùirt gus a bhàsaich e ann am Bogotá air an 18mh an t-Iuchar 1883 le mùchadh nan sgamhan.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Leabharlann Luís Angel Arango
  4. Dùthchannan aig SMO