Jump to content

Domingo Caycedo Santamaría

O Uicipeid
Domingo Caycedo Santamaría
tànaiste


Ceann-suidhe Choloimbia

4 dhen Chèitean 1830 - 13 dhen Ògmhios 1830
Simón Bolívar - Joaquín Mosquera
Beatha
Breith Bogotá, 4 dhen Lùnastal 1783
Dùthaich  Coloimbia
Poblachd Ghranada Ùire
 An Spàinn
Bàs Bogotá, 1 dhen Iuchar 1843
Teaghlach
Athair Luis Caycedo y Flórez
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh an Rosario
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus saighdear
Àitichean-obrach Madrid
Ìre oifigeach coitcheann
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B’ e Domingo Caycedo y Sanz de Santamaría neach-poileataigs à Coloimbia. Rugadh e ann am Puente Aranda ann an Cundinamarca (far a bheil Bogotá an latha an-diugh) 4 an Lùnastal 1783 agus chaochail e 1 an t-Iuchar 1843 ann an oighreachd aig Puente Aranda, a tha a-nis am broinn a’ bhaile Bogotá. Bha e na shaighdear an sàs ann an Cogadh na Neo-eisimeileachd, na Leas Ceann-suidhe na Coloimbia Mòire agus na cheann-suidhe eadar 1830 agus 1831.[1][2]

'S e Luis Caicedo y Flórez, pròbhaist Shanta Fe (Bogotá) a bh’ ann athair, is e a-measg an fheadhainn a chuir ainm gu Èigheachd na Neo-Eisimeileachd ann an 1810, agus 's e Josefa Santamaría y Prieto a bh’ ann a mhàthair. Thug e ceum anns an Lagh aig Colaiste an Rosario. Bha e na leas-Riochdaire agus na Ollamh dhe Laideannachdas (Latinidad) aig an sgoil sin cuideachd. Ann an 1809 chaidh e a chur dhan Spàinn airson iarrtasan na Comhairlean ann an Santa Fe agus Cartagena de Indias a lìbhrigeadh. Fhad ’s a bha e anns an Spàinn, thug e pàirt ann an sabaid an aghaidh Iom-Ruagadh nam Frangach. Bha e na rùnaire aig Mòr-dhail na Rìoghachd (Cortes del Reino), an dà chuid ann an Cádiz agus ann an Isla de León, mar bhall an àite fear eile.

Cogadh na Neo-Eisimeileachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Thill e gu Bogotá an dèidh tursan a dhèanamh gus A' Phortagail, dhan Fhraing agus dha na Stàitean Aonaichte agus bha e an sàs ann an Comhairle Riaghaltas A’ Chundinamarca ann an 1812. A bharrachd air sin, chaidh e còmhla ris an t-Seanalair Antonio Nariño, a’ sabaid an aghaidh na feadaralaich, is e na cheann-feachd. Fhuair e an rang dhe Cornailear an 9mh am Faoilleach 1813. An aon bhliadhna bha e na bhall aig Mòr-dhàil Roinnean Aonaichte a’ Ghranada Ùir (Congreso de las Provincias Unidas de la Nueva Granada). An ceann dà bhliadhna, 2na an Gearran 1815, phòs e Juana Jurado, ann an Santa Fe, agus bha iomadh dhuine-chloinne aca. Rè ath-cheannsachadh nan Spàinnteach, bha e a ghlacadh ann am baile beag ris an canar Purificación, ann an Tolima, agus bho an siud thug iad chun a’ phrìomh-bhaile e. Bha e fo ghreim anns an sgoil El Rosario ach, leis eadar-ghuidhe an athar-chèile, am britheamh Juan Jurado Laynez agus pàigheadh mòran airgid, b' urrainn dhasan a bheatha a shàbhalachadh bhon a’ chroiche.

Leis an Neo-eisimeileachd a stèidheachadh a-rithist, an dèidh a' Bhàir Bhoyacá ann an 1819, Ghlac Caicedo buidheann dhe rìoghairean ann am Purificación, leis an Leas Cornailear Antonio Fominaya, seann Riaghladair ann an Socorro, os an cionn. An dèidh sin, chaidh e a dh’ainmeachadh Riaghladair agus Ceannard Coitcheanail ann an Neiva leis an t-seanalair Simón Bolívar; chuir e a’ bhuidheann armachd Vargas air bhog an siud.

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a thaghadh mar bhall Pàrlamaid agus bha e an sàs anns a’ Mhòr-dhàil Nàiseanta bho 1823 gu 1827, far an robh e na chathraiche na Phàrlamaid. An uair sin chaidh e dhan sheanaid agus a bharrachd air sin chaidh e a chur air adhart gu Seanalair air buidheann-aire anns na feachdan armachd Choloimbia ann an 1827. An ath bhliadhna thill e dhan Riaghaltas ann an Neiva. An dèidh co-mhionnachadh an Sultain 1828 an aghaidh Simón Bolívar, cho-dhùin e Bolívar a thoirt dhan oighreachd aige air an robh “Fucha”. Ann an 1829 chaidh ainmeachadh Rùnaire na Roinne le Bolívar fhèin, agus an uair sin Ministear na Dùthchannan Cèin, ann an 1830. Leis gur e cathraiche Comhairle nam Ministearan a bh’ ann, bha e na cheann-suidhe na Poblachd an àite Bolívar an dèidh gun do leig esan an dreuchd aige, 2 Am Màrt a’ bhliadhna sin.

Chaidh Joaquín Mosquera a thaghadh na cheann-suidhe na Poblachd leis a’ Mhòr-dhàil, agus an Seanailear Domingo Caicedo na leas ceann-suidhe 4mh an Cèitean 1830, agus bha e os cionn an Riaghaltais gu ruige 5mh an t-Ògmhios, nuair a thàinig Mosquera gu Bogotá. Bha e os cionn an Riaghaltais a-rithist bho 2na an Lùnasdal 1830 gu ruige 17mh. Leig Mosquera agus Caicedo na dreuchd aca mar cheann-suidhe agus leas ceann-suidhe 4mh an t-Sultain mar thoradh dhe thachartasan còmhla ris a’ bhuidhne-aire Callao, agus thug an Seanailear Rafael Urdaneta làmh an uachdair air an Riaghaltas mar dheachdaire an ath latha.

Cho-dhùin an Seanailear Caycedo a dhol dhan oighreachd aige, ris an canadh “Saldaña”, leis cho doirbh 's a bha an suidheachadh. Cha robh an cogadh fad às, ge-tà. Thug an Seanailear Caicedo an ceannas os làimh ann am Purificación 14mh an Giblean 1831, air iarrtas na ceannardan a bha airson an òrdugh laghail a dhìon agus leis gu robh Mosquera air dhìth. Chaidh e a-steach gu Bogotá 2 an Cèitean. Thug Comhairle na Stàite an Ceannas dhàsan an ath latha. Cho-ghairm esan Co-chruinneachadh Ghranada, air an robh dleastanas Poblachd a stèidheachadh, 7mh an Cèitean. Shuidh a’ Bhuidheann sin 20mh an Dàmhair. Air iarrtas an t-Seanailear Caicedo chaidh an Seanailear José María Obando a thaghadh mar leas ceann-suidhe leis a’ Cho-chruinneachadh, is thug esan an ceannas os làimh, an àite Caycedo, 23mh an t-Samhain 1831. Ann an 1832 bha e os cionn Ministrealachd A’ Mhaoineachaidh anns an Riaghaltas aig an t-Seanailear Francisco de Paula Santander. Fhuair e ballrachd an t-Seanaidh ann an 1833 is e a’ riochdachadh Bogotá. Thill e dhan Riaghaltas ann an Neiva airson an treas turas ann an 1836. Chaidh e a thaghadh na leas ceann-suidhe na Poblachd Ghranada Ùr ann an 1840 rè na Riaghaltasan aig José Ignacio de Márquez Barreto agus an Seanailear Pedro Alcántara Herrán.

'S e athair Domingo Caycedo Jurado (le Juana Jurado Bertendona) agus Francisco Javier Caycedo Jurado a bh’ann (eadar càch), is iad daoine uabhasach cudromach taobh phoileataigs ann an Tolima, far an robh oighreachdan mòra aca ann am Purificación, San Luis, Saldaña agus Cunday, agus ann am bailtean eile.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Presidencia de Colombia
  2. Leabharlann Luis Angel Arango
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: