Blàr Boyacá

O Uicipeid
Blàr Bhoyacá
na phàirt de: Cogadh na Neo-eisimeileachd

Dealbh: Blàr Bhoyacá.
Ceann-latha 7mh an Lùnastal 1819
Àite Ann am Boyacá, Coloimbia
Buil Bhuannaich na Coloimbianich
Luchd-cogaidh
Coloimbia Iompaireachd na Spàinne
Cinn-fheachda
Simón Bolívar Juan de Sámano
Neart
2851 saighdear cumanta, 2670 saighdear cumanta,

20 gunnaichean mòra
na chaidh a leòn 's na chaidh a chall
13 marbh,
53 leòinte
100 marbh, 150 leòinte, 1,600 prìosanaich

‘S e am blàr a dhearbhaich soirbheachas iomairt na neo-eisimeileachd ann an Granada Ùr agus fear dha na blàran na bu chudromaich ann an cogadh na neo-eisimeileachd ann an Aimearaga a Deas a bh' ann am Blàr Boyacá.[1] Ghabh e àite air an 7mh latha dhen Lùnastal 1819.

Iomairt an aghaidh na Spàinne[deasaich | deasaich an tùs]

Chuir am "Blàr Boyacá" crìoch air iomairt dhe 77 a rinn Simón Bolívar airson Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire a shaorachadh. Chuir ràith an uisge trom tropaigeach bacadh air a’ chogadh anns A' Bheiniseala is le sin dh’fhàg Bolívar Angostura, prìomh-bhaile na dùthcha sin aig an àm, is rinn e air na faichean mòra dhe Apure agus an uair sin chaidh e dha na faichean mòra ann an Casanare, far an do chuir e fòirne an t-Seanalair Santander ri chèile leis a chuid shaighdearan. An uair sin thug e ionnsaigh air seann tìrean na roinne Tunja. Bha Barreiro a’ feuchainn ri Bogotá a ruigsinn is feachdan an Leas-Rìgh Juan de Sámano a lorg air an rathad gu Boyacà, an dèidh Blàr Pantano de Vargas a chall.

Latha a' Bhlàir[deasaich | deasaich an tùs]

Thachair am blàr Disathairne 7 an Lùnasdal 1819. Aig deich uairean sa mhadainn dh’òrdaich Bolívar nach leigeadh na feachdan aige dha na Rìoghairean a dhol thar na drochaide air an abhainn Teatinos, far am biodh na Rìoghairean a’ coinneachadh le Samacá. ‘S e rathad mòr rìoghail a bh’ ann (Spàinntis: camino real). Chaidh na Poblachdaich, leis a’ chaiptean Diego Ibarra os an cionn, sìos aig dà uair feasgar agus chuir iad iongnadh air na Rìoghairean. Aig an aon àm bha an Seanalair Santander is a chuid shaighdearan a’ sabaid an aghaidh a’ chùl-choimhead rìoghail. Anns a’ bhad dh’ aontaich a’ mhòr-chuid dhe na Feachdan rìoghail aig Barreiro airson a shabaid an aghaidh cùl-choimhead an t-Seanalair José Antonio Anzoátegui.

Bha an còmhstri eadar an dà airm anns an àirde mu thrì uairean feasgar, ach bha na Rìoghairean fo anacothrom air sàilleabh gu robh iad a’ sabaid ann an dà àite. Rinn an còrnaileir Juan José Rondón ionnsaigh làidir leis a chuid eachdraidh às na faichean is chuir iad ruaig air na Rìoghairean. Aig an aon àm, b’ urrainn dha na saighdearan à Casanare aig José María Ruiz gan chur ri chùlaibh an tùis-feadhna Rìoghail. Dh’ òrdaich Santander na buidhnean Cazadores agus Primeros de Línea leis na còrnaileirean Joaquín París Ricaurte agus Antonio Obando os an cionn, thar na drochaide. Bha làmh an uachdair a-nis aig na Reubaltaich. Ged a dh’fheuch Barreiro ri dhol am feabhas, b’ fheudar dhasan a thoirt thairis, agus mar sin thàinig an latha eachdraidheil gu ceann aig ceithir uairean feasgar.

B’ urrainn dhan Leas-Rìgh Juan de Sámano a theiche, oir dh’innis teachdaire dìomhair dhasan gun do chaill na Rìoghairean am blàr.

Na Feachdan[deasaich | deasaich an tùs]

Feachdan na Poblachd:

  • Saighdearan: 2,851
  • Ceannard na Feachdan: An Seanalair Simón Bolívar.
  • Feachdan an Tùis-feachda: An Seanalair Francisco de Paula Santander.
  • Feachdan a' Chuil-choimhead: An Seanalair José Antonio Anzoátegui.
  • Ceannard nan Oifigear: An Seanalair Carlos Soublette.
  • Cò às a bha iad?: ‘S ann A’ Bheiniseala agus Coloimbia a bha a’ mhòr-chuid dhuibh. bha iomadh coigreach ann cuideachd, mar Rèisimeid nam Breatannach.
  • Mairbh: 13.
  • Leòinte: 53.

Feachdan an Rìgh:

  • Saighdearan: 2,670 (Saighdearan-coise 2,300; Eachraidh 350; Gunnaichean mòra 20).
  • Treas Rèisimeid an Airm-thurais “Costa Firme”.
  • Ceannard na Feachdan: An Ceannard-feachdna José María Barreiro Manjón.
  • Ceannard nan Oifigear: Sebastián Díaz.
  • Bha an Còrnaileir Francisco Jiménez os cionn a’ thùis-feachda
  • Cò às a bha iad?: ‘S e daoine à Aimearaga Laideannach a bh’annta uile, bhon A’ Bheiniseala agus Coloimbia, le oifigearan às An Spàinn.
  • Mairbh: mu 100.
  • Leòinte: 150.
  • Prìosanaich: 1.600.

Toradh a’ Bhlàir[deasaich | deasaich an tùs]

Rinn Blàr Boyacà an gnothach air smachd na Spàinne air a’ Ghranada Ùr, a dh’aindeoin gun robh na Rìoghairean gu math làidir fhathast ann an roinnean eile an Leas-Rìoghachd mar Santa Marta agus Pasto, far an do mhair iad corra bhliadhna. Chaill prìomh-bhaile na dùthcha dha na reubaltaich agus le sin b’ urrainn dhuibh aonadh a’ Ghranda ùr leis a’ Bheiniseala a chur air dòigh: Coloimbia Mhòr.

Bonn-Cuimhne Boyacá[deasaich | deasaich an tùs]

Chruthaich Bolívar Bonn-Cuimhne Boyacá mar chuimhne air na saighdearan a bha an sàs anns a’ bhlàr eachdraidheil sin. ‘S e Am Bonn-Cuimhne a thoir Riaghaltas Choloimbia dha na daoine, Coloimbianaich neo coigrich, a nì sàr obair airson na dùthcha.

Fèis Nàiseanta[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e 7 an Lùnasdal fèis nàiseanta ann an Coloimbia mar chuimhne air an latha eachdraidheil ud nuair a rugadh an nàisean. A bharrachd air sin, thoir an ceann-suidhe ùr an Riaghaltas os làimhe air a’ cheann-latha sin cuideachd, ann an Lùchairt Nariño, ann am meadhan a’ bhaile Bogotá. Tachraidh sin gach uile ceithir bliadhna.

Beul-aithris[deasaich | deasaich an tùs]

Miotas a' bhalaich òg [2]

Innsidh am beul-aithris dhuinn mu dheidhinn an droch àigh a fhuair Barreiro ann an Aimearaga an oidhche ud ann am Boyacá nuair a chuir balach òg, a bha eadar 11 agus 14 bliadhna a dh’aois, an Seanalair agus an greim. Dhiùlt Pedro Pascasio Martínez an t-òr a thabhann an Seanalair dhà. Thathar ag ràdh gun do dh’ àrdachadh Simón Bolívar gu oifigear neo sàirdseant e.

Thathar ag ràdh gur e balach às a’ bhaile bheag Belén Boyacá a bh’ann Pedro Pascasio Martínez. Bha esan a’ cur cùraim air na h-eich aig Bolívar. Chaidh e a dh’ àrdachadh gu sàirdseant airson an Seanalair Barreiro a chur an greim gu curanta is chaidh gealladh a thoirt dhà gum faigheadh e 100 pesos. Cha d’fhuair e a chuid airgid a-riamh. Chaidh esan fhèin agus iomadh saighdear òg a leigeil ri taobh na h-Aibhne Mhagdalena, mus do ràinig iad Santa Fe (Bogotá an latha an-diugh).

A bharrachd air a’ mhiotas sin, tha e gu math soilleir gun do dh’ òrdaich Santander gun do chuir iad gu bàs Barreiro, a bha dìreach 26 bliadhna a dh’aois is esan na phrìosanach. ‘S e eisimpleir Cogadh chun a’ Bhàis (Spàinntis: Guerra a Muerte) a th’ ann, far a mharbhadh iad gach uile Spàinnteach gun truas. Chaidh 38 oifigearan Spàinnteach eile, a thug gèill ann Boyacá, a chur gu bàs cuideachd. A dh’aindeoin sin, bha cleachdadh na cloinne mar shaighdearan toirmisgte fo na h-òrdughan armachd na Spàinne aig an àm.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. https://web.archive.org/web/20100105063115/http://www.lablaa.org/blaavirtual/historia/batalla/indice.htm#indice Biblioteca Luis Angel Arango
  2. Leyendas populares Coloimbianas, por Javier Ocampo López 1996