Tunja

O Uicipeid
Tunja
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Boyacá
Àirde 2810m
Co-chomharran 05° 32' Tuath
73° 22' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 118 km²
Àireamh-shluaigh 154,096 (2005)
Dlùths 1,305.9/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Thunja

‘S e baile meadhananch ann an Coloimbia,[1] agus prìomh-bhaile na roinne Boyacá, a th’ann Tunja neo Santiago de Tunja.[2][3] Tha e suidhichte ann an iar-mheadhan na dùthcha anns an sgìre ris an canar Alto (Àrd) Chicamocha, 122km air falbh bho Bhogotá.[4]. Tha farsaingeachd dhe 118 km² aige, 87% dhuibh air an dùthaich agus 13% anns a’ bhaile fhèin. Tha meadhan a’ bhaile Tunja suidhichte aig 2,775m os cionn ìre na mara, ach tha an t-àite as àirde am broinn crìochan a’ bhaile aig 3,200m os cionn ìre na mara, ri taobh Cucaita. Tha an t-àite as ìsle suidhichte aig 2,400m os cionn ìre na mara, ri thaobh Moniquirá.

Bha àireamh-sluaigh dhe 154,096 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-sluaigh mu dheireadh.[5] 'S e Tunja an 31mh baile as motha na dùthcha.[6]

Tha crìochan aige leis na bailtean beaga dhe Motavita agus Cómbita air an ceann a tuath, le Oicatá, Chivatá agus Soracá air an àirde an ear, le Boyacá, Ventaquemada agus Samacá air an ceann a deas, agus mu dheireadh thall le Samacá, Sora agus Cucaita air an àirde an iar. Chaidh e a steidheachadh leis na Spàinntich 6mh an Lùnasdal 1539.

‘S e sgìre fo riaghladh sònraiche a bh’ann, ro Bhun-Reachd 1991.

Ainm an àite[deasaich | deasaich an tùs]

‘S ann às a’ chànan tùsanach Hunza a thàinig ainm a’ bhaile, a tha a’ ciallachadh "Fireannach Faiceallach". Cha robh an t-ainm Santiago de Tunja air a-riamh, ged a tha feadhainn ga chreidsinn co-dhiù. Tha troimh-chèile ann taobh an ainm air sàilleabh an dòigh mar a rinneadh parraistean a’ bhaile: Parraiste Mhoire an Sneachda (Spàinntis: Señora de las Nieves) mu thuath; Naomh Barabail (Spàinntis Santa Bárbara) mu dheas, agus Naomh Seamus à Tunja (Spàinntis: Santiago de Tunja) dìreach ann am meadhan a’ bhaile. ‘S e Naomh Seamus an Abstol, Sàr Naomh na Spàinne, a th’ ann Sàr Naomh a’ bhaile is tha an t-ainm aige air a’ Chathair-eaglais cuideachd. Le sin ‘s e Parraiste na Cathaire-Eaglais aig Naomh Seamus an t-Abstol a tha air a’ pharraiste, ach chan air a’ bhaile.

Tha freumhan muisca an ainm Tunja ceangailte cuideachd ri fear dhe na cinn-fheadhna (Spàinntis: cacique) na b’ainmeil a bh’ ann: Hunzahua. Mar sin, nuair a steidhich Gonzalo Suárez Rendón am baile, thug e Tunja air, mar a mhìnich na sgrìobhainnean dhen 6mh an Lùnasdal 1539. Dearbhaidh sgrìobhainnean rìoghal an t-ainm sin nuair chaidh e a dh’ainmeachadh mar Bhaile, 29mh am Màrt 1541, is chuir Carlos V na Spàinne ainm dha:

...tha sinn ag iarraidh agus ag òrdachadh gur e Baile Mòr Tunja an tiotal a bhios air a’ bhaile siud bhon latha an-diugh agus gum bith gach uile còir, dìonachd agus sochair aige mar bhaile mòr.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tuasgladh a’ Bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Dh’fhàg an ceannsaiche Gonzalo Jiménez de Quesada am baile Santa Marta anns a’ Ghiblean 1536, is thog e airsan mu dheas. Bha e ag amas air El Dorado a lorg is a chur an greim.

An ceann mòran mhìos air an rathad, choinnich e na rìoghachdan beaga a bha fo bhuaidh an Zipa, is mhothaich e nach robh na bailtean sin air an tìr àrd eadar Cundinamarca agus Boyacá cho inntinneach dhàsan fhèin. Fhad ‘s a bha e a’ lorg El Dorado fhuair e naidheachdan mu dheidhinn smàragan ann an Somondoco, a bharrachd air teachdaireachd neo dhà mu dheidhinn a’ chinn-chrìche aige anns an tìr ìosal rèidh oithireach (Spàinntis: Los Llanos Orientales). Ràinig Jiménez de Quesada Turmequé air 2 an t-Ògmhios 1537, a bha fo bhuaidh an Zaque. B’ fheudar dhàsan buaidh a thoirt air na Muiscas (gun chudthrom, na bheachdsa), air sgàth 's gun do dh’fhàilig iomairtean airson a dhol a-mach dha na tìrean ìosal tro thaobh an ear agus taobh an ear-thuath na tìrean àrda.

Tunja nuair a ràinig na Spàinntich[deasaich | deasaich an tùs]

Mar iomadh sgìre Muisca, bha uiread mhòr dhe taighean gan sgaoileadh air feadh na roinne anns an làrach far an do steidhich na Spàinntich am Baile. Bha dùn neo dhà aig rìghrean (neo Zaque) mar Quemuenchatocha, Aquiminzaque (Aquim/Quiminza) agus an ceann-fheadhna aig Boyacá, anns na h-àiteachan àrda air an àirde an iar a' bhaile, ris an canar San Lázaro an latha an-diugh. A bharrachd air sin, bha corra thaigh air leathadan na cnuic air an àirde an ear cuideachd, bhon an t-slighe gu Santafé gu ruige làrach ann an ceann a tuath a' bhaile.

Ceannsachadh a’ Bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e ceannsachadh gu math furasda a bh’ ann an dèidh gun do deach Quemuenchatocha a chur an greim le Jiménez de Quezada. A dh'aindeoin sin, chaidh esan a leantainn fhad ‘s a bha e beò fhathast leis a’ cheann-feadhna òg Aquiminzaque, am fear-ionlaid aige fhèin. Chaidh Aquiminzaque agus na luchd-leantainn aige a chur an greim le Pérez de Quezada cuideachd. Bha sàrachadh mòr anns a’ bhaile ùr leis gu robh Aquiminzaque airson a dh’èirigh suas an aghaidh na Spàinntich: Bha e gu math soilleir gum b’ urrainn dhàsan a chuid dhaoine a chruinneachadh leis gun do nochd, air latha a’ mhargaidh, 10 cinn-feadhna na roinne anns a’ char as lugha (Toca, Motavita, Samacá, Turmequé, nam measg). ‘S e cur gu bàs Aquiminzaque, ann an ceàrnag a' bhaile dìreach aon bhliadhna an dèidh ga chur an greim le Pérez de Quezada agus feachdan na Spàinne, a chuir crìoch air iomairt sìtheachadh na roinne. ‘S e samhla bristeadh saoghal nan Tùsanach is iad gan sgaoileadh fo bhuaidh nan Spàinnteach air feadh na Roinne Tunja a bh’ann an droch dhìol sin.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 154,096 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 7,475 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Tunja, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 94% dhe na daoine ann an Tunja leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 56.3% dhe na dachannan.[8]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Tunja. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

  • Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
  • Fèisan Eadar-nàiseanta a' Chultair.
  • A' Chàisg.
  • Fèis na Prèasantan à Boyacá.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Oilthighean[deasaich | deasaich an tùs]

Tha fear dhe na ceithir oilthighean nàiseanta na dùthcha an làthair ann an En Tunja, is e an Oilthigh Teasgasag agus Teicneòlas Choloimbia (Spàinntis:Universidad Pedagógica y Tecnológica de Colombia), a steidhich an t-Seanalair Gustavo Rojas Pinilla. Seo liosta an fheadhainn eile:

  • Oilthigh an Naoimh Thòmais (Universidad Santo Tomás)
  • Companaidh an Oilthigh Remington (Corporación Universitaria Remington)
  • Oilthigh Antonio Nariño (Universidad Antonio Nariño)
  • Oilthigh Coloimbia air Astar (Universidad Externado de Colombia)
  • Urras an Oilthigh Juan de Castellanos (Fundación Universitaria Juan de Castellanos)
  • Oilthigh Bhoyacá (Universidad de Boyacá)
  • Oilthigh Pàpanach Bolivarianach Choloimbia (Universidad Pontificia Bolivariana de Colombia)
  • Oilthigh Javerianach Choloimbia (Universidad Javeriana de Colombia)
  • Institiùd Oilthigh a' Chiùil agua an Ealainne (Instituto Universitario de la Música y las Artes)
  • Sgoil Riaghlaidh Poblach (Escuela Superior de Administración Pública E.S.A.P.)

Gallaraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Spòrs[deasaich | deasaich an tùs]

Sealladh air a' phàirc o shean.

Tha dà sgioba proifeiseanta ball-coise anns a' bhaile. Cluichidh Boyacá Chicó anns a' phrìomh lìog agus cluichidh Patriotas Fútbol Club anns an lìog B. Compàirtichidh an dà sgioba an aon phàirc, Pàirc an Neo-Eiseimeileachd (Spàinntis:Estadio de La Independencia), suidhichte ris an taobh thuath a' bhaile.

'S e fear dhe na làraich oilimpeagach nas fheàrr na dùthcha a th'anns a' phàirc sin, leis gun do deach na goiresan aige a leasachadh airson a' cho-fharpais Libertadores ann an 2009: chaidh piseach a chur air an uiread dha luchd-leantainn gu 20,630, is a h-uile càil fo mhion-chomharrachadh na FIFA.[10]

Chuir am baile air dòigh an co-fharpais Sudamericano de Futsal Sub-20 ann an 2008. 'S e farpais fo 20 bliadhna aig ìre Aimearaga a Deas a bh'ann, is bhuannaich Braisil. Cha d'fhuair Coloimbia ach an ceathramh àite.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luis Angel Arango
  3. Encyclopedia BritannicaTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Invias
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Bailtean as motha na dùthcha
  7. Cololmbia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia
  10. Conmebol avaló el estadio La Independencia de Tunja, El Espectador, 6 am Màrt 2009.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Tunja