Leticia (baile)
Leticia
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Amazonas | ||||
Sgìre | Amazonas | ||||
Àirde | 96m | ||||
Co-chomharran | 04º 12' 19' Tuath 69º 55' 58' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 5,968 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 37,832 (2005) | ||||
Dlùths | 6.34/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e baile beag ann an Amazonas, Coloimbia,[1] a th' ann Leticia. Tha e suidhichte dìreach am broinn na coilltean-uisge na Amazon, 730km mu dheas air Bogotá. Tha àirde meadhanach dhe 96m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd meadhanach dhe 25˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1867.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Thug an Ceann-feadhna Benigno Bustamante an t-ainm dhe San Antonio (Bhon fhacal Laideann Sanctus neo naomh[2] agus an t-ainm Antoine)[3] dhan Ghearasdan Pearuach sin ann an 1867. Dh'atharraich an Ceann-feadhna Manuel Chacón an t-ainm gu Leticia ann an 1900,[4] 's dòcha mar chuimhne air Leticia Smith, boireannach òg a bha a' fuireach ann an Iquitos aig an àm.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha 37,832 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 14,021 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, 's e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Leticia(is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th' ann an 25.8% agus tha 2.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 88.5% dhe na daoine ann an Leticia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 37.4% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Leticia. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Oilthighean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Real Academia de la Lengua
- ↑ AMerican catholic
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal