Croit
Is e croit seòrsa tuathanas beag fo Achd na Croitearachd (1886) a lorgar ann an Gàidhealtachd na h-Alba.
Tha cruth na tìre an Gaidhealtachd na h-Alba air aobharachadh iomadh ionadan far a bheil pìos fearann math fa-leth de farsaingeachd suas ri fichead heactair, cuairtichte le ceudan de heactairean garbh nan sìneadh suas gu mullaich nam beann.
Is e a tha ann an croit, an cuid den fhearann mhath a tha aig gach teaghlach. Chanar Baile Croitearachd ris na croitean gu lèir a tha còmhla anns a h-aon àite. Air barrachd an croit aige fhèin, tha roinn aig gach croitear anns a' mhòintich mun chuairt a' bhaile, agus cead aig gach croitear a chumail àireamh sònraichte de bhèistean air a' mhòintich chumanta seo. 'S e "an cùl-cinn" a chanar ris an talamh-mhonaidh seo ann an cuid a dh'àitichean, leithid an t-Eilean Sgitheanach.
Tha meud nan croitean ann am baile a-rèir àireamh nan croit agus farsuinneadh am fearann math.
Mar is tric, bithidh mu chòig acair (2 heactair) anns gach croit agus cuid mhòintich suas ri 70 acair an aghaidh gach croit. Ann cuid de na sgìrean tha na croitean fa-leth nas lugha ach mòinteach ana-mhòr. Anns an Eilean Dubh, air an dara làimh, tha sgìrean far a bheil croitean fa-leth a' cuibhrigeadh suas ri 30 acairean den talamh mhath ach gun mòinteach cumanta a bhith aca idir.
Is e croitear an t-ainm air fear neo tè a sheilbheas croit agus is e croitearachd gnìomh croitear.
Chan eil an cuid a bu mhotha de chroitean mór gu leòr a ghèill beò-shlàinte ris a' chroitear agus, is ann mar sin gum bithidh an cuid a bu mhotha de na croitearan ri obair eile cuideachd. Bha croitear-iasgairean gu math cumanta anns na h-eileanan, ach lorgar croitear-tidsearan, agus croitear-fir rathaid tric gu leòr.
Tha dlùth cheangail eadar a' choimhearsnachd chroitearachd agus coimhearsnachd nan Gàidheal.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Ughdarras nan Croitearan
- Scottish Crofting Foundation
- e-Stòras: Croitearachd (fiosrachadh airson àrd-sgoiltean)
- BBC Naidheachdan 2016-02-02: Grantaichean taighean croite ag èirigh