San José del Guaviare
San José del Guaviare
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Guaviare | ||||
Àirde | 175m | ||||
Co-chomharran | 02º 34' 06' Tuath 72' 38' 30' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 42,327 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 53,994 (2005) | ||||
Dlùths | 1.28/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e prìomh-bhaile na roinne Guaviare, Coloimbia,[1] a th'ann San José del Guaviare. Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha faisg air na coilltean-uisge anns an Amazon. Tha àirde meadhanach dhe 175m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd mu 25˚ thar cheann, rè na bliadhna. Cha deach am baile a stèidheachadh ach ann an 1938.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Seosaiph,[2] neo José ann an Spàinntis. Tha am baile suidhichte faisg air an drochaid Nowen air an abhainn Guaviare.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha 53,994 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 19,131 a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an San José del Guaviare. ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1.7% agus tha 5.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 82.9% dhe na daoine ann an San José del Guaviare leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 21.3% dhe na dachannan.[5]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an San José del Guaviare. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Catholic Online
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]An t-sìde ann an San José del Guaviare
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal