Inírida
Inírida
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
![]() | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Roinn | ![]() | ||||
Àirde | 100m | ||||
Co-chomharran | 03º 51' 55' Tuath 67º 55' 26' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 17,000 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 17,866 (2005) | ||||
Dlùths | 1.05/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
' S e prìomh-bhaile na roinne Guainía, ann an Coloimbia,[1] a th'ann Inírida neo Puerto Inirída anns na làithean a dh'fhalbh. Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha ri taobh inbhir na h-aibhnichean Inírida agua Guaviare, 600km air falbh bho Villavicencio. Tha àirde meadhanach dhe 100m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le gnàth-shìde theth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 25˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh gu h-oifigeil ann an 1974.
Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]
'S e ainm Tùsanach a th'ann Inirída. Tha am facal a' ciallachadh Guacamaya (seòrsa dhe flùr) a chithear ri taobh na h-aibhnichean anns an sgìre. Chuir Alexander Von Humboldt an t-ainm sin dhan inbhir a cheanglas na h-aibhnichean Orinoco, Atabapo agus Guaviare far a bheil am baile an latha an-diugh.[2]
Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]
Ged a tha 17,866 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 7,046 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e Tùsanaich a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Inírida: ‘S e Tùsanaich a th’ann an 60.3%, 38.5% dhe daoine geala/mestizos agus tha 1.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 80.6% dhe na daoine ann an Inírida leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 18.5% dhe na dachannan.[5]
Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Inírida. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Leabharlann Luis Angel ArangoTeamplaid:Fix/category[dead link]
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal