Gustavo Rojas Pinilla

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Gustavo Rojas Pinilla
Gral. Gustavo Rojas Pinilla.jpg
19. Ceann-suidhe Choloimbia

13 dhen Ògmhios 1953 - 10 dhen Chèitean 1957
Beatha
Ainm slàn Gustavo Rojas Pinilla
Breith Tunja, 12 dhen Mhàrt 1900
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Melgar, 17 dhen Fhaoilleach 1975
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Teaghlach
Cèile Carolina Correa Londoño
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Trine
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd einnseanair-thogalach, neach-poileataigs agus einnseanair
Duaisean a fhuaras
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Nàiseanta Choloimbia
Ìre oifigeach coitcheann
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Caidreachas Nàiseanta nan Daoine

B' e saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia bh’ ann an Gustavo Rojas Pinilla (Tunja, 12 am Màrt 1900, Melgar, 17 am Faoilleach, 1975).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 13 an t-Ògmhios 1953 agus 10 an Cèitean 1957, nuair a bha cogadh neo-fhoirmeil a’ sgiùrsadh na dùthcha.[2] Bhuineadh Rojas Pinilla do theaghlach beairteach: bha oighreachdan aca agus bha  athair na shaighdear ann an Cogadh na Mìle Làithean. Chaidh e dhan Oilthigh Trince ann an Indiana. Phòs e Carolina Correa Londoño à Támesis ann an 1930 agus rug i triùir duine-cloinne dha.[3]

An dèidh Acadamaidh an Airm fhàgail ann an 1927 chaidh e dhan oilthigh anns  Na Stàitean Aonaichte agus bha e na innleadair fad bliadhnachan. Bha e an lùib an cogadh eadar Coloimbia agus Pearu ann an 1932 agus chaidh a chur thall thairis gus armachd a cheannachd dhan dùthaich ann an 1943. B’ e esan a chuir sìos ar-amach ann an Cali ann an 1948 cuideachd, an dèidh gun do mharbhadh Jorge Eliecer Gaitán. Chuir e seachad bliadhnachan na mhinistear agus bha e ann an Coirea cuideachd, mus do ghabh e thairis an Riaghaltas ann an 1953, mar dheachdaire.[4] Nuair a bha e os cionn na dùthcha rinn e mòran a thaobh chòirichean bhòtaidh airson nam ban agus ospadalan.[5] Bha e na thagraiche dhan cheannas ann an 1962 agus 1970, ach dh’fhàilnig e dà thriop. Chaochail e le greim cridhe aig an taigh ann an 1975.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Banrepcultural
  2. Galvis,Silvia y Donadío, Alberto. El jefe supremo: Rojas Pinilla en la violencia y en el poder. Editorial Hombre Nuevo Editores, 2002. ISBN 9589697992, 9789589697993.
  3. Banrepcultural
  4. Rebelión
  5. Palacios, Marco. Entre la legitimidad y la violencia: Colombia 1875-1994. Colección Vitral. Editorial Norma, 2003. ISBN 958047155X, 9789580471554