Melgar

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Melgar
Flag of Melgar (Tolima).svg Escudo Melgar.jpg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Tolima - Melgar.svg
Sealladh air a' bhaile
Valle de los Lanceros Melgar Tolima Colombia.JPG
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Tolima.svg Tolima
Àirde 323m
Co-chomharran 04° 12' 14' Tuath
74° 38' 34' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 201 km²
Àireamh-shluaigh 32,774 (2005)
Dlùths 163.05/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th’ann Melgar. Tha e suidhichte aig 323m os cionn ìre na mara 98km air falbh bho Bhogotá agus 96km bho Ibagué, prìomh-bhaile na roinne. ‘ S e baile le cìomaid gu math teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 28˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1872.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 32,774 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 5,945 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala agus mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Melgar. Tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 3.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.4% dhe na daoine ann an Melgar leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 38.4% dhe na dachannan.[4]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Melgar. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail Gustavo Rojas Pinilla (19001975) an seo.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Melgar

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Colombia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia