Jump to content

Roberto Urdaneta Arbeláez

O Uicipeid
Roberto Urdaneta Arbeláez
ambassador of Colombia (en) Translate


Minister of Finance and Public Credit (en) Translate

30 dhen Mhàrt 1945 - 9 dhen Ghiblean 1945
Beatha
Breith Bogotá, 27 dhen Ògmhios 1890
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 20 dhen Lùnastal 1972
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Teaghlach
Athair Roberto Urdaneta Gómez, I
Cèile Clemencia Holguín de Urdaneta (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Deusto
Oilthigh Nàiseanta Colombia
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat agus neach-lagha
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B' e fear-lagha, agus riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia bh’ ann an Roberto Urdaneta Arbeláez (Bogotá, 27 an t-Ògmhios 1890 - ibidem, 20 an Lùnastal 1972).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia 5 an t-Samhain bho 1951 gu ruige 13 an t-Ògmhios 1953, nuair a bha an dùthaich air a sgiùrsadh le ainneart marbhtach fuilteach eadar luchd-leantainn an dà phàrtaidh cumhachdail.[2] 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineadh e: bha càirdeas fad às aige do Rafael Urdaneta agus José María Melo.[3] Chaidh e dhan Oilthigh Deusto thall san Spàinn agus dhan Oilthigh Nàiseanta Colombia. Phòs e aig Clemencia Holguín y Caro à Bogotá, ann an 1917 agus rug i sianar duine-cloinne dha.[4] Bhuineadh ise do aon dhe na teaghlaichean a b' ainmeile agus a bu chumhachdaile a bh' ann a-riamh: b' e Carlos Holguín Mallarino a bh' ann a h-athair agus Miguel Antonio Caro Tovar. Cha do chuir an càirdeas sin bacadh air Urdaneta idir.

Thoisich e ann am Poileataigs mar chomhairliche ann am Bogotá ann an 1912.[5] Bha tòrr eòlasan aig san Riaghaltas: bha e na Mhinistear na dùthchanan Cèin fo Enrique Olaya Herrera bho 1931 gu 1934: na mhinistear an Iomhais fo Alfonso López Pumarejo fad mìosan ann an 1945: na Rùnaire na Stàite bho 1948 gu 1948 fo Mariano Ospina Pérez agus na Mhinistear a' Chogaidh bho 1950 gu 1951 fo Ospina Pérez agus Laureano Gómez Castro.[6] A bharrachd air sin, chuir e seachad bliadhnaichean san oilthigh far an robh e na ollamh. Dheasaich e caochladh pàipear-naidheachd rè nam bliadhnaichean mar El País agus El Nuevo Tiempo agus sgrìobhadh e artaigilean airson mòran eile. Dh'foillsich e iomadh leabhar mun eaconomaidh cuideachd.

Bha Urdaneta na cheann-suidhe eadar-amail fad mìosan o chionns gun do leig an ro-theachdair, Gómez Castro, an dreuchd aige air adhbharan slàinte. Dh' fheuch e an t-Sìth a lorg ach dh'fhàilnig sin leis cho dona 's a bha an suidheachadh.[7] Thug e an dreuchd air ais do Ghómez Castro nuair a bha e na bu fhallaine - rud a bha laghail agus ceart a rèir bun-reachd na dùthcha. Ach bha an t-uabhas mì-rùn ann a thaobh Ghómez Castro air sàilleabh 's gu robh e follaiseach gu robh esan an aghaidh nan Libearalach aig àm cogadh sìobhalta eadar mòran dhaoine anns na Pàrtaidhean. Thabhaich Gustavo Rojas Pinilla an dreuchd air ais dha, airson comhstri a sheachnadh san dùthaich.[8] Dhùilt Urdaneta rud a dheànamh a bhiodh an aghaidh a' Bhun-reachd agus le sin b' e Rojas Pinilla fhèin a thug seilbh air an Riaghaltas: seo mar a thoisich an deachdaireachd.

Ministearan

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Rùnaire na Stàite: Luis Ignacio Andrade (1952 - 1953)/Rafael Azuero Manchola (1953)
  • Ministear nan Dùthchanan Cèin: Juan Uribe Holguin (1952)/Guillermo León Valencia (1952-1953)
  • Ministear a' Cheartais: José Gabriel de la Vega (1952-1953)/Antonio Escobar Camargo (1953)
  • Ministear an Ionmhais: Antonio Álvarez Restrepo (1952-1953)
  • Ministear a' Chogaidh: José María Bernal (1952-1953)/Lucio Pabón Núñez(1953)
  • Ministear an Àiteachais agus Leasachaidh Dhùthchail: Camilo J. Cabal (1952-1953)/Camilo Vázquez Carrisoza (1953)
  • Ministear na h-Obrach: Manuel Mosquera Garcés (1952-1953)/Raimundo Emiliani Roman (1953)
  • Ministear na Slàinte: Miguel Antonio Rueda Galviz (1952-1953)/Alejandro Jiménez Arango (1953)
  • Ministear a' Mhalairt, a' Ghnìomhachais agus Turasachd: Carlos Villavece (1952-1953)
  • Ministear Mèinnean agus Lùths]: Eleuterio Serna (1952)/Rodrigo Noguera Laborde (1952)/Pedro Nel Rueda Uribe (1952-1953)
  • Ministear an Fhoghlaim Lucio Pabón Núñez (1952-1953)/Jesús Estrada Monsalve (1953)
  • Ministear a' Chòmhdhail: Jorge Leyva Urdaneta (1952-1953)
  • Ministear a' Conaltraidh: Carlos Albornoz (1952-1953)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Banrepcultural
  2. Presidencia de Colombia
  3. Genealogía Colombiana
  4. Geni
  5. Asia
  6. Gobernantes Colombianos, Ignacio Arismendi Posada, Interprint Editors Ltd., Italgraf, Segunda Edición, Bogotá, Colombia, 1983
  7. Carrizosa Argáez, Enrique (1990). Linajes y bibliografías de los gobernantes de nuestra Nación 1830-1990. Bogotá: Kelly 958-9004-08-3.
  8. El Tiempo