Jump to content

José de Obaldía

O Uicipeid
José de Obaldía
ball Seòmar Riochdairean Choloimbia


Ceann-suidhe Choloimbia

5 dhen Lùnastal 1854 - 1 dhen Ghiblean 1855
Rufino Cuervo y Barreto - Manuel María Mallarino
Beatha
Breith Santiago de Veraguas, 19 dhen Iuchar 1806
Dùthaich  Coloimbia
Bàs San José de David, 28 dhen Dùbhlachd 1889
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Nàiseanta Colombia
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-lagha
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B' e José de Obadía y Orejuela (Santiago de Veraguas, 19mh an t-Iuchar 1806 - San José de David, Panama, 28mh an Dùbhlachd 1889) neach-poileataigs agus fear-lagha à Panama[1]. Bha e an sàs anns na Seòmraichean Riaghlaidh ann an Coloimbia agus bha e na Riaghladair air Roinn a' Chaolais (Panamá an latha an-diugh). Bha e os cionn Riaghaltais Choloimbia seachd tursan mar leas ceann-suidhe; ged an robh sin airson greiseagan beaga, an turas mu dheireadh bho 5mh an Lùnasdal 1854 gu ruige 1 an Giblean 1855[2]. Shabaid e an aghaidh an deachdaire José María Melo agus chuir e às a' chathair e, agus mar sin chuir e an Riaghaltas laghail air dòigh a-rithist. Chuir e ainm gu cruthachadh Stàit Uachdaranach na Panama. Le sin, thug e pàirt uabhasach cudromach ann an sabaid airson Neo-eisimeileachd na Panama. A bharrachd air, bha a mhac, José Domingo de Obaldía an dàrna cheann-suidhe Phanama, eadar 1908 agus 1910.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luís Angel Arango

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)