Jerónimo de Mendoza Galavís

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Jerónimo de Mendoza Galavís

Breith 11 an Gearran 1773
Bogotá
Bàs 17 an t-Sultain 1839
Bogotá
Pòsadh Inés Morales Fernández
Manuela Tenorio Santacruz
Clann Julián, José María, Marcelino, María Josefa, Lorenzo
Ainm na Stàite Flag of the Gran Colombia.svg Coloimbia Mhòr
Teirm 28 an Giblean 1831 gu 3 an Cèitean 1831
Ro-theachdaire Rafael Urdaneta
Neach-ionlaid Domingo Caycedo Santamaría
Alma mater Colegio San Bartolomé
Dreuchd Fear-saighdear, poileataigs
Creideamh Caitligeach

B’ e Jerónimo De Mendoza Galavís (Bogotá, 11mh an Gearran de 1773 - Bogotá, 17 an t-Sultain 1839). Fear-poileataigs à Coloimbia,[1] a bha na cheann-suidhe na dùthcha bho 28mh an Giblean 1831 gu ruige 2 an Cèitean 1839 mar cheann-suidhe eadarach rè a’ chinneas aig Domingo Caycedo Santamaría.[2]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

‘ S e a’ chiad mhac dhen darna pòsadh a fhuair an Spàinnteach Jerónimo de Mendoza Hurtado, còmhla ri María Josefa Galavís Hurtado, a bh’ann.

Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an sgoil San Bartolomé. Thoisich e a dh’obair mar Riaghailtear a’ Phuist ann an Santafé (Bogotá an latha an-diugh), ann uair sin na Riaghailtear na Alcabalas (cìs dhe 10% air bàthair) ann an Girón, na bhreitheamh na deicheamhan (cìsean na h-eaglaise) ann an Roinn Vélez agus riaghladair a’ Chomhairle ann an Santafé ann an 1808 cuideachd.

Toiseach toisichidh anns a’ phoileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e an sàs anns na tachartasan dhen 20mh an t-Iuchar 1810 agus chuir e ainm gu Achd na Neo-Eisimeileachd. Bha e na bhall Àrd Bhuideann Riaghaidh an Riaghaltais, Riaghailtear a’ Phuist ann an 1811. Chaidh e a thaghadh dhan Chomataidh Sgrùdaidh an Achd Feadarail dhe 1812, airson Caquetá. Fhuair e dìteadh phrìosain bhon an Riaghaltas Spàinnteach nuair a bha an dùthaich air ais fo bhuaidh na Spàinne. An dèidh sin bha e na Cheannard Coitcheann a’ Mhaoineachadh, Àrd-Eòlaiche-Cunntasan aig Cùirt na Cunntasan, Riochdaire Coitcheann a’ Mhaoineachadh (ann an Roinn a’ Phuist), riochdaire aig a’ Mhòr-dhail agus na bhall airson Bhogotá aig a’ Cho-Chruinneachadh Spaideal dhe 1830. ‘ S e Rùnaire a’ Mhaoineachaidh fon Sheanailear Rafael Urdaneta, Eòlaiche-Cunntasan agus Riochdaire an Taighe-Cùinnidh a bh’ann cuideachd.

Ceann-suidhe Choloimbia[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a leig an ceann-suidhe Urdaneta a dreuchd, chaidh e a dh’ainmeachadh na cheann-suidhe eadarach na dùthcha, ris an canar Coloimbia Mhòr a-nis, an àite an leas ceann-suidhe Domingo Caycedo Santamaría.

Teaghlach[deasaich | deasaich an tùs]

Phòs e Inés Morales Fernández, agus an uair sin Manuela Tenorio Santacruz. Cha d’ fhuair e clann ach bhon a’ chiad pòsadh aige: Julián, José María, Marcelino, María Josefa agus Lorenzo De Mendoza Morales.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Angel Arango