Jump to content

Andrés Pastrana Arango

O Uicipeid
Andrés Pastrana Arango
Mèar Bogotá

dhen Ògmhios 1988 - dhen Chèitean 1990
18. Àrd-rùnaire a' Ghluasaid Neo-thaobhaichte

7 dhen Lùnastal 1998 - 2 dhen t-Sultain 1998
Ernesto Samper - Nelson Mandela
30. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1998 - 7 dhen Lùnastal 2002
Ernesto Samper - Álvaro Uribe
ambassador of Colombia to the United States (en) Translate

9 dhen t-Samhain 2005 - 2 dhen Dùbhlachd 2005
Luis Alberto Moreno (en) Translate - Carolina Barco (en) Translate
Beatha
Breith Bogotá, 17 dhen Lùnastal 1954
Dùthaich  Coloimbia
Teaghlach
Athair Misael Pastrana Borrero
Màthair María Cristina Arango Vega
Cèile Nohra Puyana Bickenbach (en) Translate
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh an Rosario
Oilthigh Harvard
Colegio inediluz (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-lagha, neach-naidheachd, neach-poileataigs agus neach-gnìomhachais
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

'S e fear-malairt, agus riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia th’ ann an Andrés Pastrana Arango (Bogotá, 17 an Lùnastal 1954).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1998 agus 10 an Lùnastal 2002, nuair a bha cogadh sìobhalta agus duilgheadas a thaobh dhrogaichean a’ sgiùrsadh na dùthcha.[2] 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineas e: bha athair, Misael Pastrana Borrero, na cheann-suidhe roimhe, eadar 1970 agus 1974. Chaidh e dhan Oilthigh an Rosario agus an uair sin dhan Oilthigh Harvard thall anns Na Stàitean Aonaichte. Phòs e aig Nohra Puyana Bichenbach à Bogotá ann an 1981 agus rug i triùir duine-cloinne dha.[3] Tha ise a' buntainn do theaghlach cumhachdail, a tha an lùib taighean-gruide.

An dèidh an Oilthigh fhàgail ann an 1977 chuir e seachad corra bliadhna na fhear-aithris air an telebhisean mus an do thoisich ann an saoghal a' phoileataigs. Anns a' chiad dol a-mach, fhuair e àite mar chomhairliche airson Bhogotá, far an robh e bho 1984 gu 1986. Chaidh a thaghadh probhaist Bhogotá eadar 1988 agus 1990, ged an robh e a thoirt fo bhruid fad mìos tron iomairt-taghaidh.[4] Bha Pablo Escobar, ceannard a' chairteil an dùil gun tugadh air an Riaghaltas a chuid pholasaidhea airson luchd-reic drogaichean a chur dha na Stàitean Aonaichte atharrachadh. Nuair a bha Pastrana na phrobhaist reic e mòran sheirbhisean poblachd dhan raon prìobhaideach. Bha e na sheanadair eadar 1991 agus 1993. Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an 1998. 'S e comhraidhean na sìthe leis na FARC an rud na bu chonnspaidiche a rinn e: theab e còrdadh na sìthe riutha a rèiteachadh ach dh'fhàs an cogadh na bu mhiosa.[5] Bha Pastrana cuideachd na thosgair anns na Stàitean Aonaichte eadar 2005 agus 2006.

Ministearan[deasaich | deasaich an tùs]

  • Rùnaire na Stàite: Julio César Sánchez (1990-1991)/Humberto de la Calle (1991-1993)/Fabio Villegas (1993-1994)
  • Ministear nan Dùthchanan Cèin: Luis Fernando Jaramillo (1990-1991)/Noemí Sanín Posada (1991-1994)
  • Ministear a' Cheartais: Jaime Giraldo Ángel (1990-1991)/Fernando Carrillo Flórez(1991-1992)/Andrés González Díaz (1992-1994)
  • Ministear an Ionmhais: Rudolf Hommes (1990-1994)
  • Ministear an Dìona: Oscar Botero Restrepo (1990-1991)/Rafael Pardo (1991-1994)
  • Ministear an Àiteachais: María del Rosario Síntes Ulloa (1990-1991)/Alfonso López Caballero (1992-1993)/José Antonio Ocampo (1993-1994)
  • Ministear na h-Obrach: Francisco Posada (1990-1992)/Gerardo Hernández (1992)/Luis Fernando Ramírez (1992-1994)/José Elías Melo (1994)
  • Ministear na Slàinte: Antonio Navarro Wolff (1990-1992)/Camilo González Posso (1992)/Juan Luis Londoño (1992-1994)
  • Ministear an Leasachadh Eaconomach: Ernesto Samper (1990-1992)/Luis Alberto Moreno (1992-1994)/Mauricio Cárdenas Santamaría (1994)
  • Ministear Mèinnean agus Lùths: Luis Fernando Vergara (1990-1991)/Juan Camilo Restrepo (1991-1992)/Guido Nule (1992-1994)
  • Ministear an Fhoghlaim: Alfonso Valdivieso Sarmiento (1990-1991)/Carlos Holmes Trujillo (1991-1993)/Maruja Pachón (1993-1994)
  • Ministear a' Chòmhdhail: Juan Felipe Gaviria (1990-1992)/Jorge Bendeck Olivella (1992-1994)
  • Ministear a' Conaltraidh: Alberto Casas Santamaría (1990-1991)/Mauricio Vargas Linares (octubre 1991-1992)/Guido Nule (1992-1993)/William Jaramillo Gómez (1993-1994)
  • Ministear a' Mhalairt Eadar-nàiseanta (Ministrealachd ùr): Juan Manuel Santos Calderón (1991-1994)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Banrepcultural
  2. Presidencia de Colombia
  3. Geni
  4. El Mundo
  5. Infobæ