Eduardo Santos
Eduardo Santos | |||||
---|---|---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1930 - 13 dhen Dùbhlachd 1930
7 dhen Lùnastal 1938 - 7 dhen Lùnastal 1942 ← Alfonso López Pumarejo - Alfonso López Pumarejo → | |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Eduardo Santos Montejo | ||||
Breith | Bogotá, 28 dhen Lùnastal 1888 | ||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Bàs | Bogotá, 24 dhen Mhàrt 1974 | ||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Francisco Santos Galvis | ||||
Cèile | Lorenza Villegas Restrepo (en) | ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||
Foghlam | |||||
Foghlam |
Oilthigh Nàiseanta Colombia Oilthigh an Rosario | ||||
Cànain | Spàinntis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-naidheachd, dioplomat, neach-poileataigs agus neach-lagha | ||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||
Ballrachd | Colombian Academy of History (en) | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
B’ e Eduardo Santos Montejo (Bogotá, 28mh an Lùnasdal 1888 — Bogotá, 24mh am Màrt 1974) neach-lagha, neach-poileataigs, neach-aithris agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia. Bha e na bhall a’ Phàrtaidh Libearalach agus na Cheann-suidhe na poblachd eadar 1938 agus 1942. 'S e mac Francisco Santos Galvis agus Leopoldina Montejo agus fear de shliochd Antonia Santos, curaidh na neo-eisimeileachd, a bh' ann. Phòs e Lorenza Villegas, agus cha d’ fhuair iad ach aon nighean (Clara) a bhàsaich nuair a bha i beag.[1]
Cùrsa-beatha anns a’ phoileataigs agus na meadhanan
[deasaich | deasaich an tùs]A dh’aindeoin gu do bhàsaich athair òg (ann an 1900), b’ urrainn dhasan lagha a dh'ionnsachadh aig a’ cholaiste Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario, ach thug e an ceum aige bho Oilthigh Nàiseanta Choloimbia is an uair sin shiubhail e gu Paris airson a chuidh fhoghlaim a choileanadh, is e ag ionnsachadh Litreachas agus Eòlas-comainn an siud. An dèidh a thilleadh dhan dhùthaich aige ann an 1909, thoisich e a dh’obair anns na meadhanan fo Tomás Rueda Vargas agus an uair sin anns a’ phàipear-naidheachd El Tiempo, a stèidhich a bhràthair-cèile Alfonso Villegas Restrepo ann an 1911: cheannaich Santos am pàipear sin ann an 1913. Bha e na riochdaire dhe El Tiempo rè 25 bliadhna agus bho an sin dhìonadh esan beachdan a’ Phàrtaidh Libearalach agus chumadh e taobh le miannan phoileataigeach a’ Phàrtaidh.
A dh’aindeoin gur e fìor Libearalach a bh' ann, bha e fhèin an sàs ann an stèidheachadh a’ Phàrtaidh Poblachdach, fo Carlos E. Restrepo Restrepo. Nuair a ràinig esan an Ceannas (1910 – 1914) dh’ainmich e Santos gu mòran dreuchdan aig ìre meadhanach ann am Ministrealachd na Dùthchannan Cèin. An dèidh gun do chuireadh às a’ Phàrtaidh Poblachdach, thill e dhan Phàrtaidh Libearalach (1921) agus air sàilleabh a chliù mar fhear-aithris, chaidh e a dh’ainmeachadh riochdaire iomairt a’ chinneas aig Enrique Olaya Herrera, airson na taghaidhean ann an 1930. An dèidh a’ bhuaidh aige, chuir Olaya e os cionn Ministrealachd na Dùthchannan Cèin agus a bharrachd air sin bha àite aige anns an t-Seanaidh rè an teirm sin (1930- 1934) agus bha e na Riaghladair ann an Santander cuideachd. An uair sin, rè an riaghaltais aig Alfonso López Pumarejo (1934 – 1938) bha e os cionn na Buidhne Coloimbianach aig Lìog na Nàiseanan.
Ceannas
[deasaich | deasaich an tùs]Airson na taghaidhean ann an 1938 dh’aontaich na meadhanaich (leis-san) agus na adhartaich a’ Phàrtaidh Libearalach gum biodh an t-seann cheann-suidhe Olaya na thagraiche, ach nuair a dh’ eug esan anns An Ròimh ann an (1937) b’ fheudar dha na Libearalaich a thaghadh eadar Santos agus Darío Echandía Olaya, ach dh’fhàg esan an rèis is e ag aithneachadh gu robh a’ mhòr-chuid ri taobh Shantos. Bhuannaich Santos na taghaidhean a’ chinneas sin gun cho-fharpaiseach Tòraidh, leis nach do bhòt am Pàrtaidh sin.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)