Jump to content

Manuel María Mallarino

O Uicipeid
Manuel María Mallarino
ball Seòmar Riochdairean Choloimbia

Beatha
Breith Cali, 18 dhen Ògmhios 1808
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 6 dhen Fhaoilleach 1872
Teaghlach
Cèile María Mercedes Cabal (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Chauca
St. Bartholomew Major College (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-poileataigs agus neach-lagha
Ballrachd Academia Colombiana de la Lengua (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B’ e Manuel María Mallarino Ibargüen, a rugadh ann an Cali 18 an t-Ògmhios 1808 agus a chaochail ann am Bogotá 6 am Faoilleach, 1872) fear-lagh, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia.[1] ‘S e ball a’ Phàrtaidh Thòraidh a bh’ann, agus bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1855 agus 1857.[2][3]

Phòs e María Mercedes Cabal, nighean Víctor Cabal, uachdaran-fearainn neartmhor à Buga, agus seann phròbhaist Cali. ‘S e esan an duine a reic ann oighreachd “El Paraiso” gu Jorge Enrique Isaacs, athair a’ bhàird, Jorge Isaacs. Steidhich esan an leabhair ainmeil aige “María” air María Mercedes Cabal fhèin. A bharrachd air sin, bha càideas fad às aice ri Misael Pastrana Borrero, a bha na cheann-suidhe eadar 1970 agus 1974.[4]

An dèidh a leanabachd a chur seachad ann an Cali, chaidh e gu Popayán airson a chuid fhoghlaim àrd-ìre fhaighinn agus cùrsa ann an lagh a dheànamh aig Oilthigh a' Chauca, far an tug e ceum ann an lagh ann an 1831.[5] An uair sin thoisich e a bhith an sàs ann an saoghal poiliteagach na roinne, ri taobh nan Tòraidh a bhios nam ministearan anns na làithean ri teachd, is fiù’s fhuair e àite ann an Seòmar nan Riochdairean ann an 1836. An dèidh sin fhuaireadh e àite anns an t-Seanaidh cuideachd a bharrachd air a bhith na Riaghladair anns na roinnean dhe Popayán agus Buenaventura. Fhuair e deagh dhuais airson a chuid obrach mhath a rinneadh e mar cheannard roinneil am Pàrtaidh Tòraidh ùr bhon a’ cheann-suidhe Tomás Cipriano de Mosquera, a dh’ainmich e Rùnaire na Dùthchannan Cèin ann an 1846, dreuchd a chumadh e gu ruige 1848. Cho-dhùin Mallarino an dùthaich fhàgail nuair an tug na Libearalaich an Riaghaltas os làimhe ann an 1849, is e na thàmh ann am Lima, Pearu; thill e chun na dùthcha aige ann an 1854, airson taic thoirt dhan cho-bhann dà-phàirtidh a bha airson a chur às dhan dheachdaire José María Melo.

Ceann-suidhe na Dùthcha

[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a chaidh an t-òrdugh laghail air ais leis an leas-ceann-suidhe José de Obaldía os a chionn, oir gun do chuir iad às dhan cheann-suidhe José María Obando, b’ fheudar dhan Chòmhdhail leas-ceann-suidhe ùr a thaghadh airson an teirm dhe dà bhliadhna eadar 1855 agus 1857. Chaidh an t-seann seansalair Mallarino a mholadh mar thagraiche an Aonaidh nàiseanta agus thug e an dreuchd os làimhe 1 dhen Ghiblean 1855. An aon latha b’ fheudar dha Mallarino dreuchd a’ chinn-suidhe a thoir os làimhe cuideachd, oir cho-dhùin an Còmhdhail gu robh Obaldía fhèin bu choireach airson Obando a thoirt a-mach agus chuir iad dheth e. Le sin, b’ fheudar dhuibh neach-ainmichte a lorg, is chaidh an Seanalair Joaquín París Ricaurte, fear dhen fheadhainn am broinn an Airm a chuir às do Mhelo, a mholdadh airson an dreuchd. Nuair a bha e os cionn an Riaghaltais bha caibineit dà-phàirtidh aige, leth chuid Libearalaich, leth chuid Tòraidhean. Le sin, thachair rud gu math anabarrach dhàsan: fhuair e taic bho gach uile buidheann ann an saoghal poiliteagach na dùthcha, fiù’s lùghdaich e an Arm gu na bu lugha na 400 saighdearan.

Tha e inntinneach gu do thoisich pròiseas feadaralachadh na dùthcha fo Riaghaltas aig Mallarion. Chaidh na stàitean Panama agus Antioquia a chruthachadh agus bha pròiseas cruthachadh na Stàitean Boyacá, Cauca, Cundinamarca, Magdalena, Bolívar agus Santander air dòigh.

An Dèidh a’ Chinneas

[deasaich | deasaich an tùs]

An dèidh an dreuchd sin fhàgail, bha e an sàs gu h-àraidh anns na meadhanan agus anns an fhoghlam, ged an d’fhuair e turas eile na Rùnaire na Dùthchannan Cèin ann an 1861 agus dh’fheuch e ris a’ cheannas fhaighinn a-rithist ann an 1872. Sa bhliadhna sin, bha e am measg an fheadhainn a steidhich Acadamaidh Coloimbianach a’ Chànain.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe[dead link]
  3. Leabharlann Luis Angel Arango
  4. Geneología Colombiana
  5. Oilthigh Cauca