Jump to content

Carlos E. Restrepo Restrepo

O Uicipeid
Carlos E. Restrepo Restrepo
Beatha
Breith Medellín, 12 dhen t-Sultain 1867
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Medellín, 6 dhen Iuchar 1937
Àite-adhlacaidh San Pedro Cemetery Museum (en) Translate
Nàdar a’ bhàis  (am fiabhras-clèibhe)
Teaghlach
Athair Pedro Antonio Restrepo
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, dioplomat, neach-lagha, neach-poileataigs agus sgrìobhadair
Fastaichean Oilthigh Antioquia
Obraichean comharraichte Q124833480 Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B'e Carlos Eugenio Restrepo (Carlos E. Restrepo) fear-lagha neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia. Rugadh e ann am Medellín, air 12mh an t-Sultain 1867 agus chaochail e an-siud fhèin air 6mh an t-Iuchar 1937. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1910 agus 1914.[1][2]

´S e mac Pedro Antonio Restrepo agus Cruzana Restrepo Jaramillo a bh'ann. Thoisich e air an lagh a dh'ionnsachadh aig Àrd Institiùd an Ionnsachaidh (Spàinntis: Instituto de Enseñanza Superior) ach leig e an oilthigh nuair a thoisich an cogadh sìobhalta dhe 1885. A bharrachd air sin, bha e an sàs anns a' Chogadh na Mìle Làithean, mar cheann-fheadhna air na feachdan aig an Tòraidh Pedro Nel Ospina Vásquez. An uair sin dh'ionnsaich e lagh na aonar is mu dheireadh thall dh'obair e mar fhear-lagha ann an oifis laghail an athar aige.

Bha sàr chùrsa beatha spaideil aige, is ruig e a bhith na cheann-suidhe na dùthcha. Phòs e Isabel Gaviria air 16mh dhen Ghiblean 1890. Fhuair iad naoinear daoine-chloinne ri chèile, Margarita, bean an fheallsanaiche Fernando González nam measg. Le teirm a' chinneas aige seachad, thill e gu Medellín far an robh e an sàs anns an gnìomhachas prìobhaideach. Chaidh e air ais gu saoghal a' phoileataigs is e an sàs anns an Riaghaltas aig Enrique Olaya Herrera mar mhinistear an Riaghaltais is mar thosgair ann an Cathair na Bhatacain. Bhàsaich e san taigh aige ann am Medellín leis an fhiabhras-clèibhe, air 6mh an t-Iuchar 1937.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Presidencia de Colombia
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: